Rannsachadh Beinn Acadail a' gabhail fianais bhon choimhearsnachd
Thuirt neach-labhairt bhon chompanaidh Nadara gun robh iad taingeil cluinntinn bho dhaoine san Eilean Sgitheanach a-raoir agus èisteachd choimhearsnachd ga cumail mar phàirt de rannsachadh poblach air planaichean airson leasachadh a dhèanamh air tuath-gaoithe Beinn Acadail.
Tha seo a dh'aindeoin 's gun do rinn gach neach a bhruidhinn a-raoir càineadh air na planaichean airson Beinn Acadail, agus air na planaichean airson tuathanasan gaoithe eile a th' anns an amharc san eilean.
Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.