Cosgaisean bheat air èirigh
Tha prìsean bheataichean air a dhol suas cho mòr 's gu bheil daoine a' roghnachadh beathaichean a chur sìos.
Sin a rèir cuid de bheataichean agus buidhnean carthannais bheathaichean.
Tha daoine cuideachd air innse dhan a' BhBC gu bheil iad a' feuchainn ri dachannan ùra a lorg dhan na peataichean aca air sgàth nan cosgaisean.
Tha an aithris seo aig Stephen MacLeòid.