Maill air deuchainn-draibhidh

Tha coltas ann gu bheil daoine a feitheamh nas fhaide na bha iad a-riamh airson deuchainn-draibhidh.

A-rèir an AA, thar na Rìoghachd Aonaichte feumar feitheamh còig mìosan sa chumantas.

Ach tha e nas fhaide buileach sna h-eileanan far a bheil cuid a feitheamh sia mìosan.

Tha an aithris seo aig Calum MacLeoid.