Naidheachdan 11:00m
Siostaman coimpiutearachd sìos
Tha cuid de na h-apps as motha air an t-saoghal air briseadh sìos - Snapchat agus Duolingo nam measg. A rèir choltais, 's ann air Amazon Web Services a tha seo a' toirt buaidh. Tha na geamannan bhidio Roblox agus Fortnite cuideachd briste. Dhearbh Amazon gu bheil seo air buaidh a thoirt air coimpiutearachd Cloud a th' air cùl nam milleanan de dhiofar làraichean-lìn chompanaidhean.
Am Prionnsa Anndra
Tha Rùnaire an Fhoghlaim aig Westminster, Bridget Phillipson, ag ràdh nach e cùis riaghaltais a th' ann idir a bhith a' toirt còir air tiotal prionnsa bhon Phrionnsa Anndra. Leig e seachad na tiotalan rìoghail aige Dihaoine 's a chaidh an dèidh mar a nochd barrachd chasaidean mu cheanglaichean leis an drabastair Jeffrey Epstein. Tha iad a' nochdadh anns an leabhar ùr a sgrìobh Virginia Giuffre. Tha am Prionnsa Anndra a' dol às àicheadh gun do rinn e càil ceàrr. Tha teaghlach Ms Giuffre nach maireann air iarraidh air an rìgh an tiotal mu dheireadh aige a thoirt bhuaithe.
Gàsa
Thuirt an Ceann-suidhe Trump gu bheil fois-fhòirneart fhathast an sàs ann an Gàsa a dh'aindheoin 's gu bheil oifigich slàinte anns an sgìre sin ag ràdh gun do mharbh ionnsaighean adhair Israelach còrr air 40 duine. Thuirt arm Israel gun robh iad a' freagairt ionnsaighean Hamas a mharbh dithis dhe na saighdearan aca - rud a tha Hamas a' dol às àicheadh. Tha Mgr Trump air àrd-riochdairean a chur a dh'Israel.
Tubaist-rathaid mharbtach
Tha na poilis ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh tubaist-rathaid anns an deach draibhear a mharbhadh ann an sgìre Aonghais a-raoir. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu làrach na tubaiste air an A92 fasig air Inbhir Chìolair anns an robh Renault Clio dearg agus Nissan Juke glas an sàs goirid an dèidh 5:30f. a-raoir. Bhàsaich draibhear a' Chlio, a bha 42, an sin. Chaidh boireannach aois 18 a bha còmhla ris sa chàr a thoirt gu ospadal Ninewells a thuilleadh air draibhear an Nissan, a tha 66. Tha na poilis ag iarraidh cluinntinn o dhuine sam bith aig a bheil dealbhan dashcam.
Fear a dhìth an Uibhist a Deas
Tha poilis a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fireannach a chunnacas mu dheireadh ann an Uibhist a Deas feasgar an-dè. Tha dùil gun robh Iain Dòmhnallach, aois 58, ann an tubaist-rathaid ro làimh. Thuirt poilis gun robh iad a' creidsinn gun robh e a' siubhal ann an carbad a bh' ann an tubaist ach nach robh esan a' draibheadh. Tha Mgr Dòmhnallach còig troighean is naoi òirlich a dh'àirde le falt goirid liath agus feusag.
Dìon na mara
Tha luchd-iomairt ag iarraidh air ministearan dìon a bharrachd a chur air grunnd na mara bho dhol-a-mach "millteach", mar a tha iadsan ga fhaicinn, leithid tràladh agus dreidseadh. Tha seo an dèidh dhan riaghaltas Albannach riaghailtean ùra a chur air dòigh ann an 20 sgìre ghlèidhte mara. Tha dùil ri co-chomhairleachadh a dh'aithghearr air an aona sheòrsa riaghailtean a chur an sàs ann an uisgeachan nas fhaisge air a' chladach. Tha buidhnean glèidhteachais a' cumail a-mach gu bheil feum air dìon na h-àrainneachd mara a tha cugallach. Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil na planaichean aca taiceil ri àrainneachd mara agus ri seasmhachd nan gnìomhachasan a tha a' crochadh oirre.