Croitearan mì-thoilichte mu na fhuair iad de thaic-airgid ùr bhon riaghaltas

- Air fhoillseachadh
Tha buidheann-riochdachaidh nan croitearan ag ràdh gur e briseadh-dùil dhaibh mar a chaidh airgead bho sgeama ùr Riaghaltas na h-Alba a roinn a-mach.
'S ann airson obair àrainneachd a leasachadh ann an àiteachas a tha maoineachadh bhon FFIS.
Ge-tà, tha faireachdainn ann gur e glè bheag de chroitearan a fhuair càil idir às, agus tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a-nis ag iarraidh soilleireachaidh bhon riaghaltas air mar a thachair.
Thuirt Pàdruig Moireasdan bhon Chaidreachas ged a bha cuid soirbheachail gu bheil grunn dhaoine "ag ràdh nach d' fhuair iad dad".
"Tha e foilleasach gu bheil dìreach 1.2% den airgead a' dol gu gnìomhachasan beaga, agus 2.7% gu gnìomhachasan eileanach.
Pàdruig Moireasdan bho Chaidreachas na Croitearachd a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan
Tha e ag ràdh gur iad an fheadhainn a chaidh ainmeachadh mar chuid de na prìomhachasan aig an riaghaltas airson an sgeama.
"Tha sin tàmailteach, agus doirbh don riaghaltas a bhith ag ràdh gun deach a roinn gu cothromach", thuirt e.
Tha Mgr Moireasdan a' cumail a-mach gur iad tuathanasan mòr as motha a tha a' faighinn buannachd às an sgeama ùr.
Thuirt e gum biodh an Caidreachas a' bruidhinn ris an riaghaltas cho luath 's a ghabhas airson soillearachadh fhaighinn air "ciamar a tha e nach robh mòran chroitearan soirbheachail".
Ann am brath, thuirt Ministear an Àiteachais Jim Fairlie gun deach 80% den taic gu gnothachasan beaga, neo meadhanach, agus gun deach còrr air cairteal de na grantaichean soirbheachail gu gnothachasan sna h-Eileanan agus air a' Ghàidhealtachd.
Rannsachadh
Dh' iarr ball Làbarach nan Eilean Siar aig Westminster, Torcuil Crichton rannsachadh air mar a chaidh an taic-airgid a roinn do chroitearan.
Dh' iarr Mgr Crichton gun deadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a chaidh an sgeama a' làimhseachadh agus sgrìobh e gu Mgr Fairlie leis an iarrtas.
Thuirt e gun robh croitearan air fios a chur thuige mun gnothach agus iad air briseadh dùil fhaighinn agus nach robh an seo ach buille eile do chroitearan anns na h-Eileanan an Iar.