Naidheachdan 11:00m
Heathrow
Thuirt Rùnaire a' Chumhachd, Ed Miliband, gu bheil rannsachadh ann mun teine aig stèisean dealain a tha a' fàgail Port-adhair Heathrow dùinte fad an là an-diugh. Tha am port-adhair as trainge san Roinn Eòrpa gun dealan, agus mìltean mòra eile ann an sgìre Hayes air taobh siar Lunnainn. Chaidh còrr is 1,300 seirbheis adhair a chur dheth no a ghluasad gu puirt-adhair eile.
Fiachan na Dùthcha
Tha figearan ùra bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag innse gun do ghabh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte £10.7bn air iasad anns a' Ghearran. Bha tomhas neo-eisimeileach an Riaghaltais ag ràdh gur e £6.5bn a bh' ann. Tha dùil gum foillsich an Seansalair tuilleadh ghearraidhean an ath-sheachdain gus an tig Roinn an Ionmhais air riaghailtean fiosgail an Riaghaltais fhèin.
Fearghas Ewing
Thuirt Fearghas Ewing gu bheil e fìor dhuilich nach bi e a' seasamh dhan SNP ann na taghaidhean Holyrood an ath-bhliadhna, ach gum faodadh e seasamh mar neo-eisimeileach. Tha Mgr Ewing, a th' air a bhith a' riochdachadh sgìre Inbhir Nis, agus Inbhir Narann bho 1999, air a bhith a' sìor dhol a-mach air a phàrtaidh fhèin mu mhaill air dùblachadh rathaidean an A9 's an A96, agus mu phoileasaidh gnìomhachas gas agus ola a' Chuain a Tuath. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag amas air an dà rathad sin, an A9 's an A96, a dhùblachadh, ach gu bheil an clàr-ama airson sin a' tuiteam air dheireadh.
Slàinte Cloinne
Tha Colaiste Rìoghail na Slàinte Cloinne ag ràdh gu bheil mìltean chloinne an Alba fhathast a' feitheamh ro fhada ri cùram meadaigeach. Tha bliadhna ann bho dh'fhoillsich a' bhuidheann aithisg mun chùis, agus tha iad ag ràdh nach eil mòran air atharrachadh on uair sin. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cur £200m ri dèiligeadh ri ùine feitheimh agus ri goireasan slàinte.
Càradh nan Rathaidean
Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh tuilleadh airgid-chalpa 'son rathaidean a chàradh. Tha litir na Comhairle ag ràdh gu bheil gearraidhean ann an taic an Riaghaltais a' toirt buaidh mhòir air buidseat nan rathaidean aca. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' toirt na suime as motha riamh, £15.1bn, dha na h-ùghdarrasan ionadail air a' bhliadhna-ionmhais ùir, agus gu bheil earrrann Chomhairle nan Eilean Siar dheth sin a' dol suas £6.3m.