Plana SSEN: "Tha mi uabhasach fiadhaich mun a h-uile càil"

Coinneamh mu phlana SSEN sa Mhanchainn
Fo-thiotal an deilbh,

Bha a' chuid as motha a nochd dragh an aghaidh an leasachaidh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh dragh a thogail aig coinneimh sa Mhanachainn oidhche Chiadain mun bhuaidh a bheireadh planaichean SSEN airson fo-stèisean cumhachd san sgìre.

Tha a' chompanaidh a' sireadh cead-dealbhachaih bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus iad ag ràdh gu bheil feum air goireasan agus crainn-dealain ùra airson targaidean an Riaghaltais Albannaich airson cothromachadh carbon a choileanadh.

Tha dragh air cuid san sgìre ge-tà mun ùpraid a bhios ann a thaobh trafaig is turasachd fhad 's a thathas ga thogail.

Thuirt SSEN gun dèanadh iad an dìcheall buaidh na trafaig a lùghdachadh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Tha an t-uabhas nach eil ga iarraidh idir"

Bha còrr is 100 duine aig a' choinneimh a chuir Buidheann Gnìomhachais na Manachainn air dòigh.

Nochd beachd gun rachadh an leasachadh air adhart a dh'aindeoin dè chanadh muinntir an àite agus bha cuid feargach mu dheidhinn sin.

Nam measg bha Màiri Kemp a tha' fuireach ann an Allt na Ceàrdaich faisg air Cnoc Mhoire.

Thuirt i: "Tha mi uabhasach fiadhaich mun a h-uile càil. Tha na paidhleonan gu bhith uabhasach faisg air an taigh againn."

Bùth thurasachd sa MhanchainnTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh ann mun bhuaidh a bhiodh aig sgeama SSEN air turasachd sa Mhanchainn am measg eile

Tha SSEN ag ràdh gun toir e spionnadh don eaconamaidh ionadail agus tro cheann a tuath na h-Alba le bhith ag ùrachadh an lìonra dealain.

Ged a thuirt a' chompanaidh cumhachd gum biodh obair don sgìre an cois a leasachaidh, nochd dragh gum biodh iad a' toirt a-staigh luchd-obrach bhon taobh a-muigh agus a' togail àitichean-fuirich eadar-amail dhaibh.

Tha SSEN ag ràdh gu bheil iad airson 's gum faigh gnìomhachasan sa Mhanachainn buannachd às an obair.

Ach fiù 's don luchd-gnìomhachais a thuirt gu bheil iad an ìre mhath taiceil dhan phròiseact ,tha an fhuaim agus an trafaig air rathaidean a tha iad ag ràdh nach eil math gu leòr na adhbhar dragh.

Uilleam Crawford
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Uilleam Crawford le dragh mu na h-uimhir de làraidhean troma a' dol tro bhaile cho bòidheach agus eachdraidheil

Thuirt Cathraiche Buidheann Gnìomhachais na Manachainn, Uilleam Crawford: "Tha cuid iomagaineach mu na bhios de thrafaig a' tighinn tro bhaile bhrèagha eachdraidheil.

"Tha am baile air a thogail air fo-ùir chriadh a tha a' crith a h-uile turas a bhios carbad trom a' dol seachad.

"Tha dragh air mòran gun dèan na h-uimhir de làraidhean mòra, mòra milleadh air cuid de na togalaichean eachdraidheil a th' ann."

Thuirt neach-labhairt SSEN gun robh iad a' gabhail ris gum biodh buaireadh ann nuair a bhiodh an obair-togail a' dol air adhart.

Nam faigheadh iad cead-dealbhachaidh, thuirt iad gun cuireadh iad plana an gnìomh airson an trafaig a riaghladh air dhòigh gus nach biodh uimhir de dhragh air a chur air daoine.