'Pròiseas pianail' do Thaigh-Staile na Hearadh
Thuirt an t-àrd-oifigeir ionmhais aig Taigh-Staile na Hearadh gur e pròiseas pianail a bh'ann dhaibh uileag nuair a chaidh ochd duine deug a chur às an dreuchdan na bu tràithe am bliadhna. Thuirt Ron MacEachran gu robh aca ri dhèanamh gus a' chompanaidh a chumail buan. Thuirt e cuideachd gu bheil taraifean a' Chinn-Suidhe Trump a' fàgail ghnothaichean doirbh do ghnìomhachas an uisge-bheatha.