Naidheachdan 11:00m
Àrd-choinneamh
Tha ceannardan an Aonaidh Eòrpaich aig àrd-choinneamh èiginneach a' deasbad tuilleadh cosgais air dìon agus taic dhan Ucràin. Tha iad a' coinneachadh an dèidh dha na Stàitean Aonaichte sguir den taic armaichte agus roinn fiosrachaidh ris an Ucràin. Tha dùil ris a' Cheann-suidhe Zelensky aig na còmhraidhean anns a' Bhruiseil.
Cogadh
Chaidh ceathrar a mharbhadh ann an ionnsaigh rocaid Ruiseanach air taigh-òsta anns an Ucràin a-raoir. Thuirt an Ceann-suidhe Zelensky gun robh luchd-obrach saor-thoileach às an Rìoghachd Aonaichte agus às an Stàitean Aonaichte am measg na bh' anns an taigh-òsta ach nach eil iad am measg na chaill am beatha.
Bùird amalaichte
Dh'innis Coimisean nan Cunntasan gu bheil beàrn faisg air leth billean not ann an buidseat nam bòrd amalaichte a tha a' lìbhrigeadh cùram slàinte agus sòisealta ann an Alba. Tha an Coimisean ag ràdh gum feum an dòighean-obrach atharrachadh gu tur. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do chuir iad an t-suim as motha fhathast, £21.7bn, ri cùram slàinte agus sòisealta agus gu bheil barrachd cuideam air na roinnean sin le plana Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson àrdachaidh ann an àrachas nàiseanta luchd-fastaidh.
A' chìs-chomhairle
Bu chòir gum biodh a h-uile ùghdarras ionadail ann an Alba air a' chìs-chomhairle aontachadh ro dheireadh an là an-diugh. Tha a' mhòr-chuid air sin a dhèanamh mar-thà. 'S e àrdachadh eadar 8% agus 10% a th' ann sa chumantas, ged a ghabh Comhairle Arcaibh ri 15%. 'S e àrdachadh 7% a thathas a' moladh do Chomhairle na Gàidhealtachd, a tha a' cur a' bhuidseat air bhonn an-diugh.
Clann
Thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' coimhead air dòighean eile air clann agus òigridh a chumail an grèim an dèidh ath-sgrùdadh a fhuair gun deach clann a chumail nas fhaide na bu chòir ann an ceallan aig stèiseanan poilis ann an Glaschu. Bha aon deugaire an grèim fad oidhche, agus na h-uimhir eile còrr 's sia uairean de thìde.
Iasg
Tha Roinn an Iasgaich aig Riaghaltas na h-Alba a' rannsachadh mar a chaidh na h-uimhir de dh'iasg marbh agus maorach a thilgeil san uisge aig Cidhe Dhùn Bheagain san Eilean Sgitheanach. Thug an carthannas Open Seas a' chùis gu aire an riaghaltais, an dèidh do dhàibhear tighinn air an iasg faisg air a' chidhe.