Naidheachdan 11:00m

Gnè

Thàinig riaghladh bho Phrìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte gu bheil mìneachadh laghail air dè th' ann am boireannach stèidhte air gnè aig àm a breith. Ghabh na britheamhan taobh na buidhne-iomairt For Women Scotland a thog cùis an aghaidh Riaghaltas na h-Alba bho chionn còig bliadhna le argamaid nach bu chòir laghan dìon gnè buntainn ach do dh'fheadhainn a rugadh boireann. Thuirt am britheamh, am Morair Hodge, nach bu chòir coimhead air a cho-dhùnadh an-diugh mar bhuaidh do thaobh seach taobh, agus gu bheil an lagh fhathast a' cur dìon bho leth-bhreith air daoine trans.

An Atmhorachd

Thuit ìre na h-atmhorachd sa Mhàrt beagan nas lugha na bha dùil gu 2.6% bho 2.8% anns a' Ghearran a rèir oifigearan Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Sin an dàrna mìos ann an sreath a bha lùghdachadh san ìre aig a bheil prìsean air a bhith a' dol suas.

Joe Biden

Rinn seann Cheann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Joe Biden, dubh-chàineadh air Dòmhnall Trump na chiad òraid bho dh'fhàg e an Taigh Geal. Thuirt e gun do rinn an Ceann-Suidhe Trump sgrios air siostam nan sochairean sòisealta agus gu bheil e air uabhasachadh leis cho aithghearr 's a tha an Taigh Geal a' cur atharrachaidhean an sàs.

Aiseagan Uibhist

Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil e an ìre mhath riaraichte an dèidh coinneimh mu thrioblaidean aiseig Uibhist a Deas aig an do dh'innis Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gum bi airgead ann airson bàta ùir do shlighe Loch Baghasdail. Ach thuirt Mgr Robasdan gum bi duilgheadas ann airson ùine fhathast gus an tig am bàta ùr sin agus feadhainn eile a tha gan togail an-dràsta.

Belmar Engineering

Chaidh suas ri 50 cosnadh a chall an dèidh do chompanaidh einnsinnìridh ann an Obar Dheathain a dhol fodha. 'S ann an-dè a chaidh innse dhan luchd-obrach aig Belmar Engineering mun t-suidheachadh. Tha e coltach gu bheil fiachan na h-uimhir de mhilleanan Not air a' chompanaidh.