BPA nan Eilean Siar a' cur fàilte air £4.4m do luchd-ghnothachais Uibhist
Tha Riaghaltas na h-Alba air maoin luach £4.4m fhoillseachadh gus taic a chumail ri gnothachasan eileanach.
Tha iad ag ràdh gum bi seo na chuideachadh dhaibhsan a tha a' fulang mar thoradh air troimhe-chèile nan aiseagan am measg eile.
Tha seo a tighinn agus coinneamh ga chumail an Uibhist a Deas Dimàirt mu shuidheachadh nan aiseagan an sin.
Tha Ball nan Eilean Siar aig Holyrood, Alasdair Allan, air fàilte a chur air a' mhaoin ùr.