Naidheachdan 11:00m

Tiodhlacadh a' Phàpa

Tha a' Bhatacan air innse gun tèid ciste a' Phàpa Prainnseas a ghluasad gu Basilica an Naoimh Peadar a-màireach airson 's gun tèid luaidh a dhèanamh air an sin. Bidh e a' laighe ann an stàit an sin gus an tèid a thiodhlacadh madainn Disathairne. Dh'eug am Pàpa, a bha 88, madainn an-dè le stròc agus fàiligeadh cridhe, 's tha dùil gun tèid Pàpa ùr a thaghadh air an ath-mhìos.

Uill tha cuid de cheannardan an t-saoghail air innse cheana gum bi iad an làthair aig tiodhlacadh a' Phàpa Proinnseas. Am measg iad sin tha ceann-suidhe na dùthcha far an do rugadh agus a thogadh am Pàpa, sin Argentina, agus ceann-suidhe na dùthcha Javier Millei gu bhith an làthair. Thuirt Ceann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump, gu bheil e a' dol a shiubhal gu Baile na Bhatacain cuide ri a bhean Melania Trump. 'S tha Ceann-Suidhe na Frainge, Emmanuel Macron, air dearbhadh gum bi e ann. Tha cuideachd agus Ceann-Suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, tha dùil ris-san aig an tiodhlacadh a tha sin Disathairne.

Gnè

Thuirt Rùnaire na Co-ionnanachd ann an Riaghaltas Westminster gum bu chòir do bhoireannaich trans taighean-beaga airson fireannaich a chleachdadh. Bha Brigit Philipson a' bruidhinn às dèidh don Phrìomh Chùirt co-dhùnadh air an t-seachdain a chaidh gu bheil am mìneachadh laghail airson "boireannach" stèidhichte air gnè aig àm breithe. Thuirt Ms Philipson cuideachd gun tèid an tuilleadh stiùiridh fhoillseachadh le Coimisean na Co-ionnanachd agus Chòraichean Daonna.

Eucoirich Chèine

Thèid fiosrachadh mu eucoirich a tha a' feitheamh gus a bhith air an cur a-mach às an Rìoghachd Aonaichte fhoillseachadh airson a' chiad uair. Tha Rùnaire na Dùthcha, Yvette Cooper, air iarraidh air oifigich dàta mu cò às a bhuineas iad agus gu dè na dìtidhean a th' aca fhoillseachadh ro dheireadh na bliadhna. Bidh saorannaich o dhùthchannan cèine a gheibh binn bliadhna no barrachd anns a' phrìosan air an cur a-mach às an dùthaich mar as trice.

Ionnsaigh

Tha fireannach anns an ospadal ann an Glaschu às dèidh dha droch dhochann fhulang. Chaidh na Poilis a ghairm gu Rathad Stravanan ann an sgìre Castlemilk den bhaile aig 3:15f an-dè. Chaidh an duine, a tha 31, a thoirt gu Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid far a bheil e ann an staid ìosal, ach chan eil e ann an cunnart a bheatha. Thuirt na Poilis nach eil dùil gu bheil cunnart ann don phoball, ach thuirt iad gum bi barrachd oifigearan mu thimcheall fhad 's a tha an cuid rannsachaidh a' leantainn.

Uisge na h-Alba

Tha luchd-obrach Uisge na h-Alba air stailc dà là ann an eas-aonta mu phàigheadh. Tha buill nan aonaidhean Unite, Unison agus an GMB a' sireadh barrachd na an t-àrdachadh de 3.4% a chaidh a thabhainn. Thuirt Uisge na h-Alba, a tha fo shealbh na Stàite, gu bheil iad den bharail gur e tairgse chothromach a th' ann agus gu bheil plana aca ma 's e agus gum biodh èiginn ann tron stailc.