Naidheachdan 11:00m
Taraifean
Tha tuilleadh troimhe-chèile air margaidhean an ionmhais le buaidh tharaifean ùra Dhòmhnaill Trump. Dhùin an clàr Nikei ann an Iapan sìos faisg air 4% agus thuit luach nan earrannan air na margaidhean Eòrpach. Tha cosgaisean iasaid sna Stàitean Aonaichte air èirigh gu mòr bho thòisich an luchd-tasgaidh a' reic urrasan an Riaghaltais an sin, agus dh'fhaodadh sin buaidh a thoirt air margaidean sna Stàitean.
British Steel
Tha an Riaghaltas a' beachdachadh air British Steel a thoirt fo shealbh na Stàite. Tha a' chompanaidh Shìonach Jingye, leis a bheil làrach Scunthorpe ag ràdh gu bheil iad a' call £700,000 san là 's nach eil sin seasmhach. Tha dragh ann gun tèid 2,700 cosnadh a chall ma dhùineas iad an dà fhùirneis a th' ann an Scunthorpe.
Crainn-Ghaoithe
Tha Pròiseact Chumhachd Coimhearsnachd an Taobh Siar ann an Leòdhas a' feitheamh gus am fosgail maoin ùr bhon Riaghaltas airson gun gluais iad air adhart le plana airson naoi crainn-ghaoithe air Mòinteach Bharbhais. 'S iad Urras Oighreachd Ghabhsainn, Urras Oighreachd Bharabhais agus Urras Oighreachd Chàrlabhaigh a th' air cùlaibh a' phròiseict. Tha iad airson a cheangal ris a' ghriod nàiseanta ann an 2033. Ma thèid e air adhart 's e am pròiseact coimhearsnachd as motha dhe a sheòrsa ann am Breatainn.
Fèidh
Thug Riaghaltas na h-Alba cead do phlana airson fèidh a spadadh air oighreachd ann an Cataibh. Dh'aontaich NàdarAlba, buidheann a bhuineas dhan Riaghaltas ri sgeama Oighreachd Loch a' Choire an dèidh dha faileachadh orra aonta saor-thoileach a dhèanamh leis an uachdaran. Thuirt NàdarAlba gum feum iad smachd a chur air a' chron a tha na fèidh a' dèanamh air a' mhòintich agus air coille.
Rionnach
Tha Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, a' cur teagamh ann am beachd gu bheil stoc an rionnaich a' sìor chrìonadh gu ìre 's gu bheil e ann an cunnart. Tha Comann Dìon na Mara ag ràdh gu bheil an Rìoghachd Aonaichte 's an Nirribhidh am measg nan dùthchannan a tha a' glacadh cus den iasg, agus tha iad ag iarraidh air daoine a sheachnadh mar bhiadh. Ach tha Donnchadh MacAonghais, Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, ag ràdh nach e sin an fhianais a tha iadsan anns a' ghnìomhachas a' faicinn.