Sgaradh-bheachd mu cò bu chòir an LOTI ùr a thogail

Tha Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas ag ràdh nach urrainnear gabhail ri geall poileataigeach eile a thaobh nan aiseagan aca.

Tha seo air tighinn bhon bhuidhinn às dèidh do bhuidhinn thar-phàrtaidh, aonaidhean-ciùird agus ceannardan coimhearsnachd à Inbhir Chluaidh sgrìobhadh chun a' Phrìomh Mhinisteir ag ràdh gum bu chòir an cùmhnant airson aiseag ùr a' ghabhas àite an Lord of the Isles a bhith air a thoirt dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais air Chluaidh.

Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.