Barrachd ùidh aig coimhearsnachd Shlèite ann an Caisteal Armadail

Thuirt mòr-chuid dhe na bha an làithir aig coinneamh ann an Slèite an-raoir nach biodh ùidh aca ann a bhith a' ceannach oighreachd cheann a deas Shlèite, ach gum biodh ùidh aca ann an Caisteal Armadail a thèid air a mhargaidh a stamhradh.

Bha faisg air ceud gu leth duine an làthair aig a choinneamh far an deach beachdachadh air co-dhùnadh Urras Fearann Chlann Dòmhnaill na bhoineas dhaibh a reic.

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris.