Naidheachdan 11:00m
Uisge Dhè
Chaidh corp a thoirt às Uisge Dhè ann an Obair Dheathain faisg air far an deach dithis pheathraichean fhaicinn mu dheireadh. Tha trì seachdainean ann bhon chaidh a' chàraid, Henrietta agus Eliza Huszti, 32, a dhìth. Thuirt poilis gun tug iad corp às an uisge agus gu bheil an rannsachadh a' dol air adhart.
Tubaist adhair
Thuirt na h-ùghdarrasan anns na Stàitean Aonaicthe gu bheil iad an dùil ro-aithisg air tubaist adhair Washington fhoillseachadh an ceann 30 là. Tha rannsachadh a' dol air adhart air an dà bhocsa dhubh à plèana American Airlines a bhuail ann an heileacoptair tràth sa mhadainn an-dè. Bha 67 duine eadar an dà itealan agus cha d' fhuaireas duine dhiubh beò.
Gàsa
Dh'innis Hamas cò an triùir Israelach a bhios iad a' saoradh a-màireach mu choinneimh saorsa do phrìosanaich Phailistinianach ann an Israel. Thug Hamas fear dhiubh sin, Yarden Bibas, am bruid còmhla ri a bhean agus a dhithis chloinnne san ionnsaigh air Israel san Dàmhair a' bhòn-uiridh.
DFDS
Tha a' chompanaidh-bathair DFDS ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gun faraidhean aiseig a chur suas an dèidh càineadh air na prìsean acasan airson stuth a tha iad a' giùlain air ais 's adhart às na h-eileanan. Dh'innis an Riaghaltas an-uiridh gum bi àrdachadh 10% ann am faraidhean ChalMac bho dheireadh a' Mhàirt agus thuirt DFDS ma thachras sin gum feum iadsan prìsean a chur suas cuideachd mu choinneimh sin.
Muc-mhara
Chaidh a' mhuc-mhara a bha glacte aig tuathanas-èisg ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a shaoradh an-diugh. Thuirt fear-labhairt dhan bhuidhinn a bha os cionn na h-obrach gu bheil a' mhuc-mhara chrotach air a claoidh agus gu bheil iad a' cumail sùil oirre. Bha am beathach air a bhith an sàs ann an ròpa aig cèidsichean na companaidh Organic Sea Harvest ann an ceann an ear-thuath an eilein eadar Stafainn agus Port Rìgh.