"'S e mì-mhisneachd uabhasach a th' ann"
Tha boireannach ciorramach sa Ghearasdan ag ràdh gum feum i siubhal còrr is mìle ann an cathair-chuibhle gus faighinn dhan bhus as fhaisge oirre.
Tha Gillian Crook - boireannach parapleidseach - a' fuireach ann an sgeama taigheadais ùr sa bhaile.
Ged a chaidh stad-bus a chur ann ach am faigheadh daoine a-steach dhan bhaile, chan eil seirbheis ann fhathast is dragh gur dòcha nach bi fad grunn bhliadhnaichean.
Tha Gillian ag ràdh gu bheil seo glè thric ga fàgail glaiste a-staigh.
Tha buidheann-taice ionadail ag ràdh gu bheil e deatamach gun tèid co-dhiù seirbheis eadar-amail a stèidheachadh do dhaoine.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad air moladh a chur gu Còmhdhail Alba gum bu chòir seirbheis a thòiseachadh.