Naidheachdan 11:00m

Am Morair Mandelson

Chaidh innse sna beagan mhionaidean mu dheireadh gun deach iarraidh air a' Mhorair Mandelson a dhreuchd mar thosgaire na Rìoghachd Aonaichte do na Stàitean Aonaichte fhàgail. Ann am brath o Oifis nan Dùthchannan Cèine chaidh a ràdh gu bheil seo a' tighinn às dèidh do phuist-dealain nochdadh a tha a' sealltainn cho domhain agus farsainn agus a bha a chàirdeas le Jeffrey Epstein - rud a tha gu tur diofraichte, gan rèir-san, an taca ris an fhiosrachadh a bh' aca nuair a chaidh ainmeachadh chun na dreuchd an toiseach. Thug iad iomradh gu seachd-àraid air mar a chaidh cumail a-mach gun robh am Morair Mandelson den bharail gun robh a' chiad dìteadh an aghaidh Epstein ceàrr agus gun robh còir ath-thagradh a dhèanamh. Thuirt iad gur ann le smuain orrasan a dh'fhuiling air sàilleibh Epstein a chaidh Peter Mandelson a chur às a dhreuchd.

Charlie Kirk

Tha iomairt a' leantainn ann an Utah anns na Stàitean Aonaichte feuch lorg fhaighinn air a' ghunnair a thug ionnsaigh mhairbhteach air an neach-iomairt on làimh dheis Charlie Kirk. Bha e a' bruidhinn aig tachartas oilthighe an-dè nuair a chaidh losgadh air le gunna 's dh'eug e. Tha an Ceann-Suidhe Trump am measg na th' air luaidh a dhèanamh air 's e air a ràdh gur e àm dorcha a tha seo do na Stàitean Aonaichte.

Na Làbaraich

Tha Dame Emily Thornberry agus Paula Barker air tarraing a-mach às an fharpais airson Leas-Cheannas a' Phàrtaidh Làbaraich. 'S i Rùnaire an Fhoghlaim, Bridget Phillipson, a th' air thoiseach chun na h-ìre seo, beagan air thoiseach air seann Cheannard nan Cumantan, Lucy Powell.

Amaran-snàimh

Tha coimhearsnachdan ann an Leòdhas air dragh a thogail mu phlanaichean gus dà amar-snàimh a dhùnadh. Tha na h-amaran ann an Siabost agus Lìonal fo chunnart 's Comhairle nan Eilean Siar a' feuchainn ri £75,000 a ghearradh far nam buidseatan aca airson ghoireasan spòrs. Tha dùil gun tòisich co-chomhairle phoblach air na planaichean ro dheireadh na mìos.

Loidhne Rèile

Tha troimhe-chèile air a bhith air seirbheisean rèile chun na Gàidhealtachd madainn an-diugh às dèidh mar a bhual càr anns an loidhne rèile eadar Peairt agus Dùn Chailleann. Chaidh fios a chur mun tubaist goirid ro 05:30m an-diugh faisg air Dùn Chailleann fhèin. Thuirt Network Rail ge-tà, nach deach milleadh a dhèanamh air an loidhne, agus gun tèid aca air fhosgladh a-rithist.