Naidheachdan 11:00m
Taraifean
Chaidh Clàr nan 100 Earrannan ann an Lunnainn suas 6% an dèidh dhan Cheann-Suidhe Trump maill trì mìosan a chur anns na taraifean as motha air a h-uile dùthaich ach Sìona. Bha ath-bheòthachadh cuideachd air margaidhean Àisianach agus Eòrpach. Thàinig taraif Sìonach 84% air stuth Aimeireaganach gu bith sa mhadainn an-diugh.
British Steel
Leanaidh còmhraidhean feasgar eadar ministearan an Riaghaltais 's a' chompanaidh Shìonach dham buin British Steel airson làrach Scunthorpe a shàbhaladh. Tha e coltach gu bheil an Riaghaltas deònach gual a cheannach a chumas a' dol an dà fhùirneis mu dheireadh den t-seòrsa ann am Breatainn.
An Ucràin
Tha Breatainn os cionn chòmhraidhean anns a' Bhruiseil an-diugh eadar ministearan dìon à dùthchannan bho air feadh an t-saoghail. Tha iad ag amas air sìth mhaireann anns an Ucràin agus feachd a chumadh sìth nam b' e 's gum biodh fosadh ann.
Thuirt comanndair feachdan armaichte na h-Ucràin gun do thòisich iomairt ùr Ruiseanach ann an ceann an ear-thuath na dùthcha. Thuirt an Ceann-Suidhe Zelensky gu bheil an Ruis fhathast ag amas air smachd a ghabhail air pàirtean mòra de dh'fhearran Ucràinianach.
Eaglais na h-Alba an Leòdhas
Thèid crathadh a thoirt air dreach Eaglais na h-Alba ann an Leòdhas. Bidh trì co-thionalan ann a-muigh air an dùthaich ceangailte ri feadhainn ann an Steòrnabhagh, agus thèid còig eile còmhla ann an dà bhuidhinn. Bidh sin a' ciallachadh nach bi ministear làn-ùine air co-thional ach ann an Steòrnabhagh.
Creag an Iubhair
Tha an t-seirbheis aiseig eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair ann am Muile dheth an-diugh a-rithist le trioblaid einnsein aig a' bhàt-aiseig an Loch Frisa. Tha dùil ri fiosrachadh mu 12:00f mun t-seòladh à Creag an Iubhair aig 12:50f. Bidh an Isle of Lewis a' tadhal air Creag an Iubhair air a slighe a Bhàgh a' Chaisteil feasgar, agus bidh i a' falbh às an Òban nas tràithe na an àbhaist, aig 12:50f.
Tubaist
Tha poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist air an rathad eadar an Gearasdan agus Malaig an-dè san deach dithis a ghoirteachadh. Chaidh an càr Toyota Rav 4 far an rathaid faisg air Ceann Loch Iall mu 1:30f. Chaidh fireannach, 39 bliadhna de dh'aois, a thoirt gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan, agus boireannach, 34, gu Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu.