"Tha e a' dol a chiallachadh tòrr a thaobh sàbhailteachd na cloinne"
Tha draghan ann am Baile Dhubhthaich gun tèid goireasan cudromach a chall is Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta a' sireadh bheachdan mu ionad spòrs a' bhaile.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag radh gu bheil Campas Coimhearsnachd Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich còrr is 50 bliadhna a dh'aois, gu bheil e a' dol bhuaithe, is gun lean sin às aonais maoineachaidh.
Tha a' Chomhairle a' togail campas sgoile ùir, agus an t-àrd-sgoil a th' ann a' dùnadh ro dheireadh na bliadhna seo.
Ged a bhios goireasan spòrs an cois a' champais ùir, cha bhi amar-snàimh ann.
Tha an t-Urr. Alasdair MacAmhlaigh bho Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois am measg na tha a' togail dragh nach bi amar-snàimh air fhàgail san sgìre.