Iomairt gus ionad-spòrs is amar-snàimh Bhaile Dhubhthaich a ghlèidheadh

Soidhne
  • Air fhoillseachadh

Tha dragh air feadhainn ann am Baile Dhubhthaich gun tèid am fàgail gun ionad-spòrs.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh conaltraidh phoblaich an-dràsta air dè thachras a thaobh nan goireasan spòrs a tha gan toirt seachad aig Campas Coimhearsnachd Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich, ris an canar TRACC.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag radh gun do dh'fhosgail TRACC bho chionn còrr is 50 bliadhna, gu bheil e a' dol bhuaithe, is gun lean sin às aonais maoineachaidh.

Tha a' Chomhairle a' togail campas sgoile ùir, agus an t-àrd-sgoil a th' ann a' dùnadh ro dheireadh na bliadhna seo.

Ged a bhios goireasan spòrs an cois a' champais ùir, cha bhi amar-snàimh ann.

Tha an t-Urr. Alasdair MacAmhlaigh bho Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois am measg na tha a' togail dragh nach bi amar-snàimh air fhàgail san sgìre, agus gun caill clann a-mach air cothrom snàmh ionnsachadh.

"Tha gu leòr dhaoine anns an sgìre seo ann am bochdainn, agus chan eil càraichean aca airson siubhal gu Alanais no Goillspidh far a bheil na h-amaran-snàimh as fhaisge, no a dhol ann air busaichean le tiùrr chloinne òig," thuirt e.

"Tha sin a' dol a chiallachadh tòrr a thaobh sàbhailteachd na cloinne.

"Tha am muir mun cuairt oirnn ann an seo, agus tha feum aig cloinn a bhith ag ionnsachadh snàimh cho òg 's as urrainn dhaibh.

"Às aonais amair-snàimh san sgìre aca fhèin bidh iomadach neach nach fhaigh an cothrom a tha sin agus tha sin a' cur beatha dhaoine ann an cunnart."

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-Urr. Alasdair MacAmhlaigh le dragh gun caill clann na sgìre cothrom snàmh ionnsachadh

Tha conaltradh poblach a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cumail air a' chùis a' tabhainn còig roghainnean airson na dh'fhaodadh tachairt dhan ionad - ged nach eil airgead ann aig an ìre seo airson leithid de phlanaichean a choileanadh.

Am measg nan roghainnean tha a bhith a' leasachadh an togalaich a th' ann gu ìre nas lugha agus nas saoire - no gu ìre nas motha agus nas daoire - leis an obair sin a' dùnadh an ionaid dhan phoball airson ùine fhada.

'S e roghainn eile an t-ionad air fad a leagail cho luath 's a bhios goireas eile fosgailte.

Tha na roghainnean uile a' cosg nam milleanan.

Soidhne
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mòran bhuidhnean sa choimhearsnachd a' dèanamh feum de na goireasan a th' ann

Chan e call cothrom ionnsachaidh a-mhàin a tha a' cur air daoine, agus taobh cudromach sòisealta aig an amar-snàimh cuideachd.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil tallaichean anns an sgoil ùir, ach nach eil amar-snàimh," thuirt Marion Hamilton, a tha mar phàirt de bhuidhinn a thug athchuing seachad do dh'oifigich na Comhairle an t-seachdain seo.

"Bidh mòran bhuidhnean a' cleachdadh an amair-snàimh a tha seo.

"Tha mise an seo a' riochdachadh buidhne de bhoireannaich nas sine, 's bidh sinne a' tighinn dhà no trì thursan san t-seachdain a shnàmh.

"Tha e na chuideachadh dhan inntinn, agus tha buidheann mhòr charaidean againn na lùib.

"Nan cailleamaid sin bhiodh e uabhasach."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha comhairliche na sgìre cuideachd draghail gum faodadh Baile Dhubhthaich goireas cho cudromach a chall.

"'S e briseadh-dùil mòr a th' ann," thuirt an Comh. Laura Dundas.

"Tha daoine a' faireachdainn gun deach co-dhùnadh a dhèanamh mar thà.

"Chuirinnsa ìmpidh air daoine cumail orra a thighinn a dhèanamh am beachdan soilleir."

Dh'iarr BBC Naidheachdan beachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd is thathar a' feitheamh freagairt bhuapa.

Gheibhear a' cho-chomhairle mu TRACC an seo, taobh a-muigh.

Làrach na sgoile ùire
Fo-thiotal an deilbh,

Làrach na sgoile ùire