Am Pàp a' fàgail a dhreuchd
Tha luchd-poileataics agus creideimh air feadh an t-saoghail air a bhith a' dèanamh molaidh air a' Phàp Benedict a tha gu bhith a' fàgail a dhreuchd às dèidh faisg air ochd bliadhna.
Chaidh a naidheachd fhoillseachadh Diluain sa mhadainn anns an Ròimh.
Thuirt Am Pàp, a tha 85, nach robh e làidir gu leòr airson leantainn air.
Tha an tè-naidheachd Catriona NicFhionghuin ag aithris.