Curach ùr air Uisge Spè
Fhuair Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Bail' Ùr an t-Slèibh tabhartas sònraichte bho chionn ghoirid, a tha gu math cudromach ann an eachdraidh na sgìre.
Bha uair a bha curaichean, seòrsa bàta traidiseanta, cumanta air Uisge Spè. 'S fhada on uair sin.
Ach a-niste, tha tè dhiubh gu bhith ga cumail aig an taigh-tasgaidh.
Tha Teàrlach Quinnell ag aithris.