A' soirbheachadh air Abhainn Tatha
Chanadh cuid gu bheil e às a chiall. 'S dòcha gu bheil, ach rinn Teàrlach Quinnell rud nach do rinn duine eile fhathast.
Thug e an curach a thog e fhèin 24 mìle sìos Abhainn Tatha mar phàirt de dh'Fhèis Mhòr Comann Curach na h-Alba, an Tay Descent.
Thug e seachd uairean de thìde a' dèanamh a shlighe eadar Dùn Chailleann agus Peairt.
Tha Stephen MacLeòid ag aithris.