Prìomhaire ùr ann an Alba Nuadh
'S e fear le ceanglaichean làidir ris a' choimhearsnachd Ghàidhealaich ann an Ceap Breatainn an ath Phrìomhaire a bhios air Alba Nuadh.
Chaidh Iain MacFhraing a thaghadh air an deireadh-sheachdain mar cheannard ùr air a' phàrtaidh riaghlaidh, na Libearalaich.
Thuirt e gun coimhead e ri mar a ghabhas suidheachadh na Gàidhlig an Alba Nuadh a neartachadh.
Rugadh Iain MacFhraing ann an Ceap Breatainn do theaghlach ann am Màbu, far an deach a shinnsearan à sgìre Drochaid Ruaidh ann an Loch Abar san 19mh linn.
Dh'fhàs e suas ann am baile mòr Halifax ge-tà far an robh athair, Reg, iomadh bliadhna na chomhairliche.
Air an deireadh-sheachdain, chaidh a thaghadh mar cheannard ùr nan Libearalach ann an Alba Nuadh is an ceannard a bh' ann, Steafan MacNèill, a' fàgail a dhreuchd. Leis gu bheil na Libearalaich a' riaghladh, gabhaidh Iain MacFhraing àite cuideachd mar Phrìomhaire Alba Nuaidh.
Tha Mgr MacFhraing na phìobaire, is tha e tric air bruidhinn air cho cudromach dha 's a tha a dhualchas Gàidhealach, is mar a bhiodh e a' dol gu Colaiste na Gàidhlig ann an Ceap Beatainn gach samhradh nuair a bha e òg.
Às dèidh dha an taghadh a bhuannachadh, thuirt e gu bheil e cudromach gun tèid cànan is cultar nan Gàidheal a ghlèidheadh ann an Alba Nuadh, is gun obraich e leis a' choimhearsnachd gus an suidheachadh a th' ann a neartachadh.