Taigh Sgoile na Drochaide

Tha an fheadhainn a stèidhich a' chiad sgoil Ghàidhlig ann an Canada ag ràdh gu bheil iad air am misneachadh le mar a tha a' dol dhaibh.

Dh'fhosgail Taigh Sgoile na Drochaide ann am Màbu ann an Ceap Breatainn bho chionn dà mhìos.

Ged a tha iad mothachail gu bheil obair mhòr rompha a thaobh airgead a thogail is eile, tha iad ag ràdh gu bheil taic mhòr ann dhaibh - is gu bheil a' chlann mar-thà a' togail na Gàidhlig.

Chaidh Dòmhnall Pollock a thadhal orra.