Aiseag ùr Loch Baghasdail mun aon mheud

Bidh an soitheach ùr airson na slighe eadar Loch Baghasdail agus Malaig mun aon mheud ris an Lord of the Isles, a tha a' frithealadh na seirbheis an-dràsta.

Sin a chaidh innse aig coinneimh fiosrachaidh air-lòidhne a chùm CMAL dham buin bàtaichean ChalMac.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.