Cùmhnant 'son aiseagan ùra tràth an 2023
Tha CMAL air innse gun tèid an cùmhnant 'son aiseagan ùra air slighean Loch nam Madadh agus an Tairbeirt a thoirt seachad tràth an ath-bhliadhna.
Chaidh coinneamh a chumail an Ùige Dimàirt mar phàirt de shreath aig a' bhuidhinn an t-seachdain seo.
Tha dòchas gum bi na soithichean ùra ann an seirbheis taobh a-staigh trì bliadhna eile.
Tha Alasdair MacLeòid ag aithris.