Buill a' bhòtadh an aghaidh ùrachaidh air loidhne dealain

Bhòt comhairlichean Gàidhealach gus cur an aghaidh phlanaichean na companaidh cumhachd SSEN ùrachadh a thoirt air an loidhne dealain eadar Cille Chuimein agus an Àird Mhòr san Eilean Sgitheanach.

Sin a dh'aindeoin 's gun do chur comhairlichean taic ris an dearbh phròiseact na bu tràithe air a' bhliadhna.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.