Mìneachadh air sgeul na Nollaig
Tha Eaglais Shaòr Bhaile Dhubhthaich is a Mhanachain Rois air a' Ghàidhealtachd air a bhith an sàs ann an iomairt 'Christmas Unwrapped' air a mhìos a tha seo.
Chan ann mu dheidhinn preasantan a tha seo ach mu dheidhinn a bhith a' mìneachadh sgeul na Nollaige do chloinn-sgoile na sgìre.
Am bliadhna airson a chiad uair, chaidh an sgeul a mhìneachadh sa Ghàidhlig mar a tha Mairi Riddoch ag aithris.