Cha d' fhuair Gàrradh MhicFhearghais òrdugh ùr airson soithichean ChalMac

- Air fhoillseachadh
Dh'fhaillich air Gàrradh MhicFhearghais, a tha fo shealbh na stàite, cùmhnant cudromach airson seachd bàtaichean-aiseig dealain a thogail do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.
Dh'ainmich a' bhuidheann ris a bheil soithichean ChalMac an urra, CMAL, gur e a' chompanaidh Phòlainneach, Remontowa, a b' fheàrr leotha airson am prògram cabhlach nam bàtaichean beaga ùrachadh.
'S e Gàrradh MhicFhearghais an làrach togail-shoithichean coimeirsealta mu dheireadh air Abhainn Chluaidh agus bha iad air gealltainn gun dèanadh iad tairgse "làidir" airson an cùmhnant fhaighinn.
Bha iad air tè de shia companaidhean air a' gheàrr-liosta.
Tha dùil gum bi na soithichean beaga ann an seirbheis ann an 2027.
Bha an cùmhnant na phàirt chudromach do phlana-gnìomhachais còig bliadhna aig MacFhearghais an dèidh na connspaid mun obair dà aiseag nas motha a thogail do ChalMac air an robh dàil mhòr agus a chosg mòran a bharrachd na bha còir.
Tha na bàtaichean dealain (50m) coltach ri feadhainn a thog iad mu thràth agus dh'fhaodadh gum biodh an cùmhnant seo air obair a bharrachd a chosnadh dhaibh airson grunn bhliadhnaichean.
Tha iad an dòchas ge-tà obair fhaighinn bhon roinn phrìobhaidich agus bho roinn an dìon bho BAE Systems.
Tha Remontowa, a tha stèidhichte ann an Gdansk, air trì aiseagan a thogail do ChalMac roimhe, an MV Argyle, an MV Bute agus an MV Finlaggan, agus 's e a chompanaidh a bha san dàrna àite nuair a chaidh na cùmhnantan airson an MV Glen Sannox agus an MV Glen Rosa a thoirt do Ghàrradh MhicFhearghais ann an 2015.

Dreach neach-ealain air cò ris a bhios na bàtaichean-aiseig dealain coltach
Tha Riaghaltas na h-Alba air £175m a thoirt seachad airson nam bàtaichean-aiseig dealain agus airson an obair leasachaidh a bhios a dhìth air goireasan teàirrdsidh air an son aig na puirt.
Thuirt àrd-stiùiriche CMAL, Caomhan Hobbs, gun deach measadh a dhèanamh air na tairgsean, 65% stèidhichte air cho math 's a bha iad agus 35% stèidhichte air na chosgadh iad.
Thuirt e: "Tha e mar dhleasdanas oirnn cumail ri Ro-innleachd an t-Solair Phoblaich airson Alba agus gàrradh a thaghadh a thogas soithichean math a choinnicheas ri feumalachdan nan eileanach, ach anns a bheil cuideachd luach an airgid don sporan phoblach.
"Tha sinn misneachail mu chomasan Remontowa, agus tha sinn air obrachadh còmhla riutha mu thràth, an turas mu dheireadh airson an MV Finlaggan a thogail ann an 2011."
Bidh na h-aiseagan ùra a' dol eadar Caol an t-Snàimh agus An Rubha Bòdach (Eilean Bhòid); Loch Àlainn agus Fisnis (Muile); An Tairbeart (Loch Fìn) agus Port a' Mhadaidh; Eilean Ìdhe agus Fionnphort (Muile); Sgonnsar agus Ratharsair; Tobair Mhoire agus Cille Chomhain; agus Taigh an Lòin agus Giogha.