Cosgais comhairle mun A83 "do-chreidsinneach"

'S e tunail mìle de dh'fhaid, a chosgadh £470m, a b' fheàrr le Còmhdhail Alba
- Air fhoillseachadh
Thuirt BPA air Ghàidhealtachd gu bheil mar a chaidh cha mhòr £20m a chosg le Riaghaltas na h-Alba air cosgaisean comhairleachaidh mun Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal "do-chreidsinneach".
Chaidh an t-airgead a phàigheadh do cheithir chompanaidhean eadar-dhealaichte, a rèir fhigearan ùra a fhuair Tòraidhean na h-Alba.
Thàinig grunn mhaoimtean-slèibhe a-nuas air an A83 sna bliadhnaichean mu dheireadh, le trafaig ga cur taobh Seann Rathaid an Airm fhad 's a bhathas a' dèiligeadh ris air an rathad mhòr fhèin.
Chaidh fuasglaidhean sa mheadhan-ùine agus san fhad-ùine a chur air adhart, agus Còmhdhail Alba ag ràdh gur e roghainn sam bhiodh tunail mìle de dh'fhaid a' cur dìon air an rathad, 's a chosgadh £470m, a b' fheàrr leothasan.
Thuirt am BPA Tòraidheach 'son na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Tim Eagle, gum feum an Riaghaltas tòiseachadh air obair-togail cho luath 's a ghabhas.
"Tha sinn dìreach an dùil gun aithnich Riaghaltas na h-Alba gu bheil seo na phrìomhachas mòr dha-rìribh, 's gun lìbhrig iad e," thuirt e.
"Chan eil cuimhne agamsa, 's chan fhaca mi sgrùdadh mionaideach 's chan eil mi air a bhith sa Phàrlamaid fada gu leòr a bheachdachadh air drochaid ùr Linne Fhoirthe.
"Ach 's e mo thuigse gun deach sin a thoirt gu buil caran luath bho dh'aithnich iad an trioblaid san t-seann drochaid gu nuair a thog iad an drochaid ùr.
"B' e clàr-ama reusanta a bha sin. Agus cha toir na rudan seo bliadhna no dhà - 's dòcha gun toir iad 10 no 15 bliadhna.
"Ach 's e clàr-ama fada dha-rìribh a tha seo, agus tha e riatanach dha-rìribh.
Adhbhar Tàire
"Chan eil e buileach coltach ris an A96, tha sin ag obair ged a tha e na thrioblaid.
"Tha an A9 ag obair ged a tha e na thrioblaid.
"Chan eil an rathad seo fiù 's ag obair - chan fhaigh thu air an A83 a chleachdadh meadhan a' Gheamhraidh dàrna leth na h-ùine.
"Tha thu air Seann Rathad an Airm, tha conbhoidhean an sàs, ach 's e rathad riatanach a th' ann.
"Chan ann mu dhùblachadh an rathaid a tha seo, 's ann mu dheidhinn lìbhrigeadh rathaid shàbhailte a tha e do mhuinntir na sgìre," thuirt e.
Fhreagair labhraiche às leth Còmhdhail Alba gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil na clàran-ama a tha an lùib phròiseactan nan adhbhar tàire do luchd-còmhnaidh, ghnothachasan agus choimhearsnachdan, ach gum feum iad dèanamh cinnteach gum faigh iad na fuasglaidhean ceart anns na h-àiteachan ceart.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2024