ICT "ann an cunnart mòr"

- Air fhoillseachadh
Dh'innis luchd-rianachd Chaley Thistle nach deach tairgsean sam bith a dhèanamh airson an cluba a cheannach is gu bheil ICT a-nise "ann an cunnart mòr".
Chaidh an cluba ann an rianachd san Dàmhair às dèidh mhìosan de mhì-chinnt is troimhe-chèile mun t-suidheachadh ionmhais aca.
'S e a' chompanaidh BDO a chaidh a stèidheachadh mar luchd-rianachd is am fear-gnothaich ionadail Ailean Savage a' gealltainn cosgaisean a phàigheadh gu deireadh an t-seusain.
A dh'aindeoin peanais 15 puingean, tha ICT air sreap air falbh bho bhonn Lìog 1 anns na seachdainean mu dheireadh, ged a bha buille ann Disathairne nuair a chaill iad 1-0 ri Annan.
Ach 's e fìor bhuille a-nise a tha ann am brath ùr a thàinig bho BDO madainn Diluain.
Thuirt iad ged a bha ùidh làidir ann an ICT bho ghrunn bhuidhnean, neach deach tairgsean sam bith a dhèanamh gus an cluba a cheannach ro cheann-là a bha iad air stèidheachadh den t-6mh den Mhàrt.
Tha BDO ag ràdh gun robh ceist air na buidhnean gu sònraichte mu iasadan mòra (mu £3.5m) do dhaoine a bha nan stiùirichean air ICT is an cunnart gun cuireadh seo maill air aonta CVA gus a' chompanaidh a thoirt a-mach à rianachd.
Bha dragh cuideachd, thuirt iad, mu dheidhinn mar a tha earranan a' chluba air an sgaoileadh le ceist am faigheadh buidheann a cheannaicheadh an cluba làn-smachd.
Is bha dragh cuideachd mu mhì-chinnt mun bhuaidh a th' ann le fearann timcheall air pàirc ITC ann an làmhan bhuidhnean eile.
Thuirt BDO ged a tha iad fhathast ag obair air fuasgladh a lorg leis a' chluba reic ri CVA agus ballrachd san SPFL a chumail, gu bheil coltas ann nach gabh sin a choileanadh às aonais buidhnean ùra a bhith a' tighinn air adhart.
Thuirt iad mar sin gu bheil Caley Thistle a-nise "ann an cunnart mòr".

Tha Inbhir Nis air adhartas a dhèanamh air a' phàirc anns na mìosan mu dheireadh fo stiùir Scott Kellacher
Tha BDO ag ràdh cuideachd gu bheil iad air sgrìobhadh dha feadhainn a bha nan stiùirichean air ICT ag iarraidh orra dearbhadh gun cuir iad iasadan a thug iad seachad roimhe an dàrna taobh.
Bha seann stiùirichean air aontachadh roimhe seo a dhèanamh ach tha BDO ag ràdh nach eil dearbhadh bhuapa uile aig an ìre seo.
Tha an luchd-rianachd cuideachd a' sgrìobhadh gu cuid de dhaoine le earrannan is iad ag iarraidh an toirt air ais dhan chluba an-asgaidh.
Tha iad ag ràdh gu bheil cuid mar-thà air aontachadh seo a dhèanamh.
Thuirt BDO gu bheil iad cuideachd air iarraidh air Ailean Savage taic a chumail ris a' chluba rè-ùine.
Thuirt iad gu bheil Mgr Savage air gealltainn 25% de na chosgadh e gus an cluba a cheannach a thoirt seachad, is 25% de mhaoineachadh a' chluba a phàigheadh 'son 2025/26 is 2026/27.
"Tha sinn mothachail gur e briseadh-dùil a bhios ann dha na cluicheadairean, luchd-taic agus dhan choimhearsnachd," thuirt BDO.
"Leis an adhartas a rinneadh air is far na pàirce tron rianachd, tha sinn gu mòr airson suidheachadh ICT a chur air stèidh chinntich is tha sinn ag iarraidh air gach buidheann obrachadh còmhla gus seo a thoirt gu buil.
"Tha sinn taingeil do dh'Ailean Savage airson gach taic is tha sinn ag iarraidh air duine sam bith le ùidh ann an ICT a cheannach a thighinn a bhruidhinn rinn."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
- Air fhoillseachadh8 An Dàmhair 2024