"Gèiltean, gaoth, uisge trom, clachan-meallain - chan eil faclan agam!"

- Air fhoillseachadh
Tha an rothaiche Kerry Nic a' Phì air a bhith ag innse mu na dùbhlain mhòra a bha roimhpe san fharpais mu dheireadh a rinn i tro mhonaidhean taobh siar na Gàidhealtachd.
Bha an tè-spòrs à Uibhist a Deas a' gabhail pàirt ann an Slighe na Gàidhealtachd (Highland Trail) - slìghe 550 mìle de dh'fhaid le sreap de 16,000 meatair uile gu lèir.
Tha i air a meas mar thè de na rèisean as dùbhlanaiche am Breatainn agus chan eil àite ach do 60 luchd-bàidhseagail.
'S i Kerry a' chiad bhoireannach a chrìochnaich an-uiridh ann an trì là, 23 uairean agus 18 mionaidean de thìde.

Kerry air Slighe na Gàidhealtachd am-bliadhna
Bha Kerry ag amas am-bliadhna air an uair a bu luaithe a-riamh ach eadar tubaistean, sìde nan seachd siantan agus abhainn a dh'fhalbh leis a' bhaidhg aice bha i gu math nas slaodaiche.
Thuirt Kerry: "Ged a bha an t-sìde air a bhith cho snog o chionn dà mhìos, thionndaidh an t-side, agus bha e dìreach gòrach cho craicte 's a bha an t-sìde.
"Bha gèiltean, gaoth, uisge trom, clachan-meallain - chan eil faclan agam!"
Ge-tà, tha i ag ràdh gun dèan i a-rithist e agus "unfinished business" aice.
Kerry ag innse mar a thuit i agus a ghoirtich i a h-aodann gu dona
Tha an t-Slighe 550 a' tòiseachadh ann an Taigh an Droma agus a' dol suas gu ruige iar-thuath Chataibh agus air ais a-rithist.
Feumaidh na rothaichean a bhith leotha fhèin gun taic sgioba agus gun a bhith a' cur àite-fuirich air dòigh dhaibh fhèin ro làimh.
Dh'fhalbh Kerry agus na farpaisich eile madainn an 24mh den Chèitean.
'S ann nuair a bha i a' tighinn sìos an rathad faisg air Marybank a bha a' chiad tubaist aice nuair a thuit i air drochaid. Chaidh i an comhair a cinn gu làr.
Thuirt Kerry: "Chleachd mi m' aodann mar bhreic. Bha mo shròin gu math goirt agus bha fuil air feadh an àite ach air sàilleibh gun robh mi cho fuar chùm mi orm a' dol."

A dh'aindeoin agus gun robh i goirt tha Kerry ag innse gur e an fhuachd a bu mhotha a chuir maill oirre.
"Tron oidhche bha e dìreach gòrach cho fuar 's a bha e agus bha an t-eagal orm," thuirt i.
"Bha fios agam gun robh mi ann an staid caran cunnartach."
Chuir i taigh-òsta air dòigh ann an Loch an Inbhir ach cha do dh'fhuirich i ann ach dà uair an uaireadair - ùine gu leòr airson biadh teth agus fras a ghabhail.
Rinn i a slighe às an sin tro Choille Fisherfield agus Dùn Dòmhnaill.
Thuirt i: "Bidh iad ag ràdh gur e an t-àite as iomallaiche ann am Breatainn, an t-àite as fhaide air falbh bho rathad.
"Bidh iad ag ràdh nuair a tha thu a-muigh sna beanntan, a h-uile 100 meatair a tha thu a' sreap, tha thu a' call degree agus bha sinne gu math faisg air mullach Munros, agus bha e mu -7."

'S ann san sgìre seo ann am Fisherfield a chaill Kerry am baidhg aice ann an abhainn
Bha i air eadar 300 agus 350 mìle a dhèanamh nuair a chaill i am baidhg aice aig mu 10:00f a dh'oidhche.
Bha i air chois agus a' feuchainn ri faighinn tarsainn abhainn a bha na tuil nuair a dh'fhalbh an sruth leis.
"Dh'fhalbh mise leis a' bhaidhg dhan abhainn agus bha mi a' faicinn a' bhaidhg a' dol sìos an abhainn aig astar," dh'innis i.
Bog fliuch agus air a ragadh leis an fhuachd thòisich i coiseachd sìos a' bheinn.
Kerry ag innse mar a dh'fhalbh am baidhseagal aice leis a t-sruth
An dèidh 40 mionaid air chois bha dragh oirre gun do ghabh i an taobh ceàrr.
Cha robh siognal fòn-làimhe aice agus dìreach 4% air fhàgail sa bhataraidh co-dhiù.
Thuirt Kerry: "Thionndaidh mi air ais suas a' bheinn, is thòisich mi ruith leis gun robh mi cho fuar."
Mu dheireadh thall bhrùth i am putan SOS air an inneal tracaidh a th' aig a h-uile farpaiseach.
"Bha mi a' faireachdainn gun robh mi ann an trioblaid leis cho fuar 's a bha mi, bha m' aodach eile air a' bhaidhg, bha mo phoca-cadail air a' bhaidhg, a h-uile dad."
Kerry ag innse mar a sheall inneal tracair far an deach am baidhseagal.
Thachair i an uairsin le dithis fharpaiseach eile agus bha iad fortanach gun robh lighiche-sprèidh san sgìre a thug còmhdhail dhaibh a Pholl Iù.
Fhuair Kerry aoigheachd ann an taigh caraid dhi far an do ghabh i an cupa tì a b' fheàrr a bh' aice a-riamh, tha i ag ràdh.
An ath-mhadainn fhuair i naidheachd mhath nuair a dh'fhòn uachdaran na h-oighreachd ag innse dhi gun do lorg iad am baidhseagal aice ann an loch.
Ged a tha Kerry ag ràdh gur e an rud a bu chunnartaiche a rinn i gu ruige seo tha i fhathast airson an cùrsa a chrìochnachadh san ùine a bu luaithe a-riamh.
"Thug e dhomh torr spioraid agus bha mi ag ionnsachadh tòrr. Bha e a' còrdadh rium leis cho cruaidh 's a bha e," thuirt i.
Cha bhi farpais Kerry a' gabhail àite aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh am-bliadhna
B' e briseadh-dùil a bh' ann dhi, ge-tà, nuair a chaidh cur às don fharpais aice ann an Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh as t-Samhradh seo.
Fhuair i bonn airgid ann an Guernsey aig na geamannan agus bha i a' miannachadh crìochnachadh sa chiad àite an turas seo.
Tha an trèanadh a' leantainn, ge-tà, agus i a' dèanamh deiseil airson slighean fada eile a dhèanamh sa Chuimrigh am-bliadhna agus fear eile ann am Morocco aig toiseach 2026.
Cha do chuir gach dùbhlan an dàna-thurais aice air a' Ghàidhealtachd idir dheth i.
"Meadhan na h-oidhche, clachan-meallain, cruaidh, tiugh agus biorach air d' aodann agus chan eil thu a' gluasad leis a' ghaoith.
"Ach feumaidh tu dìreach cumail romhad - meatafor math airson na beatha, chanainn!"