Caley Thistle gus tighinn a-mach à rianachd

- Air fhoillseachadh
Tha Caley Thistle Inbhir Nis gus tighinn a-mach à rianachd às dèidh mar a chaidh aonta CVA a ruighinn le luchd-creideis.
Thàinig dearbhadh bhon luchd-rianachd BDO Diardaoin.
Tha an CVA stèidhichte air an tairgse £800,000 a rinn Ailean Savage sa Ghiblean gus smachd a ghabhail air a' chluba.
Thuirt BDO gun obraich an cluba fon CVA le Mgr Savage is an sgioba aige aig an stiùir fad beagan sheachdainean gus an tèid cosgaisean luchd-creideis a dhearbhadh is a phàigheadh.
Tha iad an dùil gun tig seo gu ceann tràth san Iuchar is gun tig an cluba a-mach à rianachd an uairsin.
Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè gheibh an luchd-creideis.
- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair 2024
- Air fhoillseachadh10 An Giblean
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean
Chaidh sgioba Inbhir Nis ann an rianachd san Dàmhair an-uiridh às dèidh mhìosan de mhì-chinnt is troimh-chèile mu shuidheachadh a' chluba.
Ged a chuireadh peanas 15 puingean orra aig an àm sin, chaidh aig Scott Kellacher air an sgioba a chumail ann an Lìog 1 air a' cheann thall.
Bha obair a' dol far na pàirce aig an dearbh àm is Mgr Savage, a bha uair na chathraiche air ICT, a' cumail taic-ionmhais riutha.
Nochd draghan sa Mhàirt is BDO ag ràdh nach deach tairgsean sam bith a dhèanamh airson an cluba a cheannach is gun robh Caley Thistle "ann an cunnart mòr".
Thog BDO gu sònraichte air iasadan mòra (mu £3.5m) do dhaoine a bha nan stiùirichean air ICT, mu cho sgapte 's a bha earranan a' chluba, is mu chùmhnantan ceangailte ri fearann timcheall air pàirc ICT.
Rinneadh adhartas air na gnothaichean sin is chaidh Ailean Savage fhèin ainmeachadh sa Ghiblean mar an tagraiche roghnaichte 'son Caley Thistle Inbhir Nis a cheannach is e air tairgse £800,000 a chur air adhart.

Ged a chuir ceist an fhearainn maill sa chiad dol a-mach air aonta CVA a ruighinn le luchd-creideis is coinneamh aig deireadh a' Chèitein air a cur dheth, dhearbh BDO Diardaoin gu bheil CVA a-nise ann.
"Tha mi 'son taing a thoirt dhan a h-uile duine a chuidich sinn gus an ìre seo a ruighinn, is gu h-àraidh Ailean, an sgioba aige agus luchd-obrach a' chluba", thuirt James Stephen bho BDO.
"Tha mi cuideachd airson taing a thoirt dhan luchd-taic fhèin.
"Tha sinn a' coimhead air adhart ri deireadh a' phròiseis is a bhith a' faicinn a' chluba a' gluasad air adhart".
Leis gun robh ICT ann an rianachd air an t-seusan seo, tòisichidh iad an seusan ùr le peanas 5 puingean.