Thig ealain ùr às an dàimh eadar na speuran agus Tursachan Chalanais

'S iad Freya Pellie agus Jonathan Doyle a shoirbhich a-mach à còrr agus 100 tagradh airson a' chiad mhuinntireis ealain aig Tursachan Chalanais
- Air fhoillseachadh
Chuireadh fàilte Dimàirt air a' chiad luchd-ealain a bhios air mhuinntireas aig Tursachan Chalanais.
Tha Freya Pellie na cleasaiche siorcais a choisinn cliù eadar-nàiseanta, agus 's e neach-dhealbh a th' ann an Jonathan Doyle agus ùidh shònraichte aige sna reultan agus tachartasan san iarmailt air an oidhche.
Tha an dithis luchd-ealain cuideachd nan luchd-saidheans; 's e eòlaiche saidheans àrainneachdail a th' ann am Freya, agus tha PhD aig Jonathan an Saidheans Fànais agus nochd na dealbhan aige de na Fir Chlis agus Geal-Shruth nan Speur san iris National Geographic Traveller UK.
Tha iad air a bhith ag obair còmhla air pròiseactan sa bheil ealain agus saidheans amalaichte bho chionn 2023 agus fhad 's a bhios iad ann an Leòdhas tha iad gu bhith a' cruthachadh obair-ealain agus a' cur air dòigh chothroman ionnsachaidh dhan phoball.

Bidh cothrom aig a' phoball sgilean siorcais ionnsachadh fhad 's a bhios an luchd-ealain ann
Tha Freya air a bhith sna h-Eileanan Siar grunn thursan ach 's e seo a' chiad turas aig Jonathan ann agus an t-àite as fhaide tuath san robh e a-riamh.
Thuirt e: "Tha na ciad 24 uairean de thìde ann an Leòdhas air còrdadh rium glan; an àrainneachd fhiadhaich, na tuinn mhòra agus iolairean a' sgèith gu h-àrd os cionn nan tursachan."

Eisimpleir den obair aig Jonathan Doyle agus e gu sònraichte sgileil air dealbhan a thogail air an oidhche
Bidh an dithis luchd-ealain ann airson gluasad na gealaich nach tachair ach a h-uile 18.6 bliadhna - sin nuair a bhios i ag èirigh agus a' dol fodha aig na h-àitichean as fhaide deas agus as fhaide tuath air fàire.
Tachraidh sin eadar an 11mh agus an 12na den Ògmhìos.
Tha Urras nan Tursachan ag ràdh gu bheil an tachartas ainneamh seo gu sònraichte drùidhteach aig an làraich agus dùil gun robh an ceangal eadar suidheachadh na gealaich agus na tursachan cudromach dhan fheadhainn a thog iad ann an Linn Ùr na Cloiche.
A bharrachd air sin bidh an luchd-ealain ann airson grian-stad an t-Samhraidh air an 21mh den Ògmhios.

Tha beachd ann gun robh an dàimh eadar an cosmas agus na Tursachan air leth cudromach dhan luchd-togail bho chionn còrr is 5,000 bliadhna
Rinn Freya agus Jonathan a' chùis a-mach às na 112 tagraidhean a chuir a-steach airson a' chiad phrògraim chruthachail aig Urras nan Tursachan.
Thuirt an t-arceòlaiche cliùteach agus aon de bhuill Bhòrd Urras nan Tursachan, an Dtr Alison Sheridan: "Tha an dòigh-obrach ùr-ghnàthach aig Freya agus Jonathan sa bheilear a' cur cleasachd-siorcais, togail-dhealbhan agus saidheans còmhla a' samhlachadh spiorad a' mhuinntireis seo."
Gheibhear fiosrachadh mun a h-uile càil a tha a' dol aig na Tursachan an seo. , taobh a-muigh