Rionnagan An t-Eilean ag aithris sgeulachdan chloinne air BBC ALBA

Tha an cleasaiche, Sorcha Grounsell,
- Air fhoillseachadh
Tha cleasaichean an dràma Ghàidhlig, An t-Eilean, am measg na tha a' leughadh sgeulachdan àm-cadail do chloinn ann an sreath ùr air BBC ALBA.
Tha Stòiridh ag amas air clann bheaga eadar aois trì agus sia bliadhna a dhèanamh deiseil airson a dhol innte air an oidhche agus briathrachas ùr a theagasg dhaibh.
Tha Sorcha Groundsell, aon de phrìomh charactaran An t-Eilean, anns a' chiad phrògram den t-seasan seo leis an sgeulachd Sin an Dìthean Agamsa!
Thuirt i: "Tha sinn an dòchas gun cuidich an sreath seo a' chlann agus am pàrantan deagh chadal na h-oidhche a bhith aca!"
Tha an cleasaiche, Sam Seumas Mac a' Ghobhainn, a bha cuideachd san dràma, Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh, an seaplain agus craoladair, Suzie Roberts, agus am bàrd, Babs NicGriogair, uile ag innse stòiridhean dhan fheadhainn bheaga.

Tha Makar na h-Alba an dòchas gum bi clann air am brosnachadh gu bhith a' leughadh barrachd
Thuirt Sorcha Groundsell: "Tha mi air mo dhòigh glan a bhith an sàs san t-sreath ainmeil seo a' leughadh cuid de na sgeulachd Gàidhlig ais motha air a bheil spèis aig daoine.
"'S e dòigh fìor mhath a th' ann an luchd-èisteachd òg oideachadh le faclan Gàidhlig nach aithne dhaibh 's dòcha."
Thuirt Pàdraig MacAoidh, Makar na h-Alba: "Tha e mìorbhaileach a bhith mar phàirt den t-sreath seo de Stòiridh.
"B' fheàrr leam gun robh na tha seo de sgeulachdan eadar-dhealaichte ann - agus luchd-aithris air an teilidh sa Ghàidhlig - nuair a bha mise òg.
"Tha na h-uimhir de leabhraichean math ann, agus tha min dòchas gum fàg gach sgeulachd san t-sreath clann air am beò-ghlacadh le leughadh, agus a bhith a' cluich agus a bhith cruthachail le faclan iad fhèin."
Faodar sealltainn air na prògraman air BBC ALBA neo air iPlayer a' BhBC.
