Riaghaltas "a' slaodadh an sàiltean" mu sgeama taice buaireadh aiseagan

MV Lord of the Isles ri cidhe Loch Baghasdail
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba "a' slaodadh a shàiltean" a thaobh sgeama a chur an sàs a chumas taic ri gnothachasan mu choinneimh buaidh buaireadh nan aiseagan, a rèir BhPA aig tuath.

Dh'fhoillsich an Riaghaltas maoin taice luach £4.4m sa Ghiblean, ach thathas fhathast a' feitheamh dearbhadh air cùmhnantan na sgeama.

Tha Rhoda Ghrannd, a tha na BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, ag ràdh gu bheil eileanaich airidh air nas fheàrr.

"Chan eil fhios cò a tha airidh air taic bhon sgeama, agus chan eil fhios aig duine dè an ìre taice a tha ri fhaighinn.

"Tha na tha siud de chompanaidhean a tha dìreach a' cumail a' dol air èiginn dhan dèanadh an t-airgead seo diofar mòr.

Tha seirbheisean a bhith air an cur dheth, atharrachaidhean ann an soithichean agus clàran-ama diofraichte air buaidh a thoirt air eaconomaidhean eileanan leithid Uibhist a Deas gu h-àraid anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha Rhoda Ghrannd a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba nach eil iad ach "a' slaodadh an sàiltean" agus gur e sin a rinn iad bho riamh.

"A-niste 's iad air aontachadh ris a' mholadh, chan eil iad air dad den obair a tha a dhìth airson leithid de sgeama a chur air bhonn a dhèanamh."

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil an dòigh san obraich a' mhaoin fhathast ga dhearbhadh, a' toirt a-steach fiosrachaidh air cò bhios airidh air taic.