Dràibhear a bha a' dol nas luaithe na 100 mìle san uair fo chasaid

An A832 faisg air Achadh nan AlltTùs an deilbh, GEOGRAPH/DAVID DIXON
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an duine a ghlacadh a' dràibheadh aig 101msu air an A832 faisg air Achadh nan Allt

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach, 44, a chur an greim agus fo chasaid an dèidh dha na poilis a chlàradh a' siubhal aig astar 101msu air slighe an NC500 air Taobh Siar Rois.

Chuir oifigearan stad air an duine a bha ann am Peugot 208 air an A832 faisg air Achadh nan Allt goirid an dèidh meadhan-là Didòmhnaich.

Bha seo mar phàirt de dh'iomairt nàiseanta a bha a' dol air an deireadh-sheachdain an aghaidh cus astair air na rathaidean.

Chaidh casaidean eucoirean dràibhidh air an duine, nam measg gun robh e a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.

Thuirt an Sàirdseant Doug Scott:"Tha Poileas Alba gu mòr airson piseach a thoirt air sàbhailteachd nan rathaidean agus tha oifigearan a-muigh a h-uile là airson dràibhearan oideachadh agus airson dèanamh cinnteach gu bheilear a' cumail ris an lagh."

Thug e air dràibhearan aithneachadh cho cunnartach 's a tha e a bhith a' dol nas luaithe na tha ceadaichte, a bhith mothachail air caisg-astair agus a bhith a' dràibheadh a rèir na sìde, staid an rathaid agus na tha de thrafaig.