Naidheachdan 11:00m

Gàsa

Thuirt Hamas gun deach ceannard an Riaghaltais aca ann an Gàsa a mharbhadh ann an ionnsaighean adhair Israelach. Thuirt oifigich slàinte gun deach còrr is 300 duine a mharbhadh anns na h-ionnsaighean as motha bho chaidh fois-fhòirneirt aontachadh. Tha Hamas a' fàgail air Israel gun do bhris iad an t-aonta sin. Thuirt Israel ge-tà, gun lean na h-ionnsaighean an dèidh do Hamas diùltadh rèite às ùr a dhèanamh.

An Ucràin

Bruidhnidh an Ceann-Suidhe Trump 's an Ceann-Suidhe Putin air a' fòn feasgar mun phlana airson fosadh anns an Ucràin. Thuirt Kyiv ron seo gu bheil iad a' cur taic ri plana nan Stàitean Aonaichte airson fois-fhòirneirt fad 30 là. Thuirt Mgr Putin nach stad an t-sabaid mura tèid dèiligeadh an toiseach ris na rudan a tha a' dèanamh dragh dhan Ruis.

Sochairean

Innsidh Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinnsean, Liz Kendall, an-diugh mar a tha an Riaghaltas an dùil siostam shochairean nan ciorramach atharrachadh. Ged a tha na h-uimhir de chùl-bheingearan Làbarach mì-thoilichte tha Sràid Dhowning ag ràdh gu bheil adhbharan moralta agus eaconomach ann an siostam atharrachadh.

Net Zero

Dh'fhoillsich ceannard nan Tòraidhean, Kemi Badenoch, atharrachadh mòr ann am plana a' phàrtaidh airson atharrachadh na gnàth-shìde. Thuirt i nach gabh plana Riaghaltas Theresa May airson a bhith càrbon-neodrach ro 2050 dèanamh gun a bhith a' fàgail dhaoine gu math nas miosa dheth no a bhith a' cur na dùthcha banca-briste.

Dampachd

Tha lagh ùr a' tighinn gu bith an Alba fo am bi e nas fhasa do dh'fheadhainn ann an taigheadas sòisealta trioblaid le dampachd agus clòimh-liath sna togalaichean a chur ceart. Chaidh bile na h-Alba mu choinneimh Holyrood an-uiridh an dèidh atharrachadh den aon sheòrsa ann an Sasainn.

Oighreachd Ùig' is Thamnabhaigh

Chuir Urras Leasachaidh Sgìr' Ùig' ann an Leòdhas buidheann-obrach air bhonn airson gluasad air adhart le oidhirp air Oighreachd Ùig' agus Thamnabhaigh a cheannach dhan choimhearsnachd. Buinidh an oighreachd an-dràsta don fhear-ghnothaich Sir Ian Scarr Hall. Thuirt neach-labhairt dhan oighreachd nach eil am fearann air a' mhargaidh airson a reic.

Caley Thistle Inbhir Nis

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e adhbhar dragh a th' ann an suidheachadh an ionmhais aig cluba ball-coise Chaley Thistle Inbhir Nis. Dh'innis an luchd-rianachd an sin nach d' fhuair iad tairgsean sam bith airson an cluba a cheannach, 's ged a bha ùidh aig feadhainn ann gun do chuir ceistean mu iasadan o stiùirichean a bh' air a' chluba agus mu fhearann timcheall air an stèidiam bacadh orra.