Rabhadh "gu math mòr" gum bi teintean fiadhaich an Alba Dihaoine

- Air fhoillseachadh
Tha rabhadh ga thoirt gu bheil cunnart gu math mòr ann gum bi teintean fiadhaich ann an Alba Dihaoine.
Tha an rabhadh an sàs airson a h-uile sgìre ìosal san dùthaich.
Tha dùil gun èirich i gu 18C Dihaoine, agus i air a bhith na turadh 's caran blàth an t-seachdain seo.
Ma tha rabhadh ga sgaoileadh airson teine fiadhaich, bithear an dùil gum bi an teine sin co-dhiù 1,000 meatar ceàrnagach de mheud, agus a' gabhail gun smachd.
Tha rabhadh "gu math àrd" an sàs mar thà airson meadhan agus iar-dheas na h-Alba airson teintean fiadhaich.
Bidh teintean fiadhaich a' tachairt mar as trice ann an sgìrean far a bheil stuth planntrais tioram a cheadaicheas dhan teine sgapadh gu luath.
Thuirt an Comanndair Buidhne Murray Dalgleish aig Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gum bu chòir don phoball a bhith "air leth faiceallach" mus dèan iad dad sa bheil lasraichean an sàs.
"Faodaidh stoc, talamh àitich, coilltean a tha fo dhìon agus làraichean ùidh shòinraichte shaidheansail uile a bhith air an sgrios leis na teintean seo - a thuilleadh air beatha dhaoine a tha a' fuireach 's ag obair ann an coimhearsnachdan dùthchail," thuirt e.
"Faodaidh dol-a-mach Mhic-an-duine lùghdachadh mòr a thoirt air a' chunnart gun tòisich teine fiadhaich, agus mar sin tha e èiseil dha-rìribh gum bi aire dhaoine air sàbhailteachd ann an àrainneachdan dùthchail, 's gun lean iad an Còd Albannach airson Cothrom air a Bhlàr A-muigh an-còmhnaidh."