Buannachd sgeama bhana-campachaidh tòrr nas lugha na bha dùil

Bhana-campachaidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chan eil dùil a-nise gun tig ach £20,000 sa bhliadhna bho sgeama ùr bhana-campachaidh a stèidhich Comhairle na Gàidhealtachd, seach £500,000 mar a bha iad a' smaointinn bho thùs.

Chaidh an sgeama saor-thoileach a chur an sàs san Iuchar an-uiridh le dòchas gun tigeadh airgead àiste airson cosg air bun-structar a leasachadh.

Fon sgeama, thathas ag iarraidh air luchd-tadhail cairt a sheasas seachd là a cheannach airson £40.

Tha sin a' toirt dhaibh cead fuireach ann an cuid de raointean-parcaidh le Comhairle na Gàidhealtachd agus na goireasan aig ionadan High Life Highland a chleachdadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nuair a chaidh an sgeama a stèidheachadh gun toireadh e cothrom do luchd-tadhail rudeigin a chur air ais mar thoradh air buaidh an turais aca air an àrainneachd is coimhearsnachdan na Gàidhealtachd.

Bha targaid aig an ùghdarras ionadail gun toireadh an sgeama £500,000 a-steach ann an 2024/25, ach tha aithisg a thèid air beulaibh Comataidh nan Goireasan Corporra Diardaoin, taobh a-muigh ag ràdh nach eil dùil a-nise ach ri £20,000.

Tha a' Chomhairle fhèin air £1,800 a chosg air.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil ceumannan gan gabhail feuch barrachd airgid a thogail tron sgeama.

Nam measg tha obair a' leantainn gus ro-innleachd margaidheachd a leasachadh.

Mar phàirt den seo, bithear ag amas air turasachd sheasmhach is buannachdan dhan àrainneachd is coimhearsnachdan ionadail a bhrosnachadh am measg luchd-tadhail.

Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gu bheil mar a tha cuid de phròiseactan eile a tha ag amas air airgead a thoirt a-steach air soirbheachadh na b' fheàrr na bha dùil air suidheachadh sgeama nam bhanaichean-campachaidh a chothromachadh gu ìre.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach biodh e iomchaidh dad a ràdh mus faigh comhairlichean cothrom an gnothach a dheasbad.