Seann BhP SNP nan Eilean Siar a' dol na bhall de Phàrtaidh Alba
- Air fhoillseachadh
Tha an seann bhall-pàrlamaid SNP, Aonghas Brianan MacNìll, air ballrachd a ghabhail ann am Pàrtaidh Alba.
Bha e a' riochdachadh roinn-phàrlamaid nan Eilean Siar aig Westminster don SNP airson 19 bliadhna eadar 2005 agus 2023.
Chaidh a chur às a' phàrtaidh rè ùine agus an uair sin às an SNP buileach ann an 2023 an dèidh dha a dhol a-mach air àrd-chuip a' phàrtaidh ann an Westminster, Brendan O'Hara.
Bha e na bhall neo-eisimeileach sna Cumantan mus do chaill e ris an tagraiche Làbarach, Torcuil Crichton, san taghadh choitcheann san Iuchar.
A' foillseachadh na naidheachd, rinn Mgr MacNìll càineadh air an SNP airson mar a dh'fhaillich orra ro-innleachd a dheasachadh airson neo-eisimeileachd do dh'Alba fhaighinn.
"Tha sia bliadhna ann on thuirt ceannardan an SNP nach robh Plana B a dhìth agus nuair nach tàinig Plana A gu buil cha robh càil a dh'fhios aca dè dhèanadh iad," thuirt e.
Tha Mgr MacNìll a' beachdachadh air seasamh aig taghaidhean Holyrood ann an 2026.
"Dh'fhaodadh gun dèanainn sin nan robh daoine air leigeil fhaicinn gur e sin a bu mhiann leotha. Ma chuireas e spionnadh an iomairt neo-eisimeileachd dheannain e," thuirt e.
Chaidh Alba a stèidheachadh leis an t-seann Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond, sa Ghearran 2021. Bha e aig stiùir a' phàrtaidh gus an do bhàsaich e san Dàmhair.
An dèidh mar a chaidh a chur a-mach às an SNP, bha Mgr MacNìll na bhall-pàrlamaid neo-eisimeileach sa bhuidhinn "Scotland United2" còmhla ri na buill Alba aig an àm, Coinneach MacAsgaill agus Neale Harvey.
Thuirt àrd-rùnaire Alba, Chris McEleny, gun robh Mgr MacNìll air a bhith ann an còmhraidhean le Ailig Salmond mu bhith a' dol na bhall den phàrtaidh ro a bhàs.
"Chan e Aonghas Brianan MacNìll am ball aithnichte mu dheireadh a thig gu Pàrtaidh Alba sna seachdainean agus mìosan ri thighinn," thuirt e.
"'S e fear den luchd-pàrlamaid as fiosraiche an Alba a th' ann an Aonghas. Tha an t-eòlas aig mar sheann chathraiche Comataidh Thaghte a' Chumhachd air leth feumail do Phàrtaidh Alba agus sinn a' cur air adhart phoileasaidhean a tha sealltainn cho gòrach 's a tha gu bheil Albannaich am bochdainn connaidh ann an dùthaich far a bheil pailteas de chumhachd."
- Air fhoillseachadh11 An Lùnastal 2023
Cha robh Mgr MacNìll ach 34 bliadhna de dh'aois nuair a chaidh a thaghadh mar bhall-pàrlamaid.
Rinn e càineadh làidir air co-dhùnadh Tony Blair ionnsaigh a thoirt air Iraq agus b' ann nuair a rinn esan gearan ri Poileas a' Mhet a thòisich rannsachadh ann an 2006 air "airgead airson urraman".
Bha e tric ge-tà ag adhbharachadh connspaid taobh a-staigh an SNP.
Ann an 2018, chaidh e an aghaidh comhairle ceannard a' phàrtaidh ann an Westminister, Iain Blackford, nuair a lean e air nochdadh air prògram còmhraidh Ailig Salmond air RT, seanail telebhisein le stàit na Ruis.
Chaidh a dhìteadh airson a bhith a' dràibheadh gu mì-chùramach an dèidh tubaiste am Barraigh san Dàmhair 2020. Chaidh neach-motar-baidhseagail, a bha 17 aig an àm, fhàgail le cas bhriste.
Chaidh Mgr MacNìll a chasg bho bhith a' dràibheadh airson trì mìosan agus chaidh càin £1,5000 air.