Gealltanas air airgead 'son ospadail ùir sa Ghearasdan sa Bhuidseat

Ospadal a' Bhelford
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan còrr is 60 bliadhna de dh'aois

  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air am maoineachadh a bhios a dhìth airson ospadal ùr a thogail sa Ghearasdan a ghealltainn sa Bhuidseat aca.

Thèid e an àite Ospadal a' Bhelford a tha a-nis còrr is 60 bliadhna de dh'aois.

Rinn muinntir na sgìre iomairt fad ùine mhòr airson ospadail ùir.

Bha caismeachd tron bhaile san robh seachd ceud duine sa Mhàrt am-bliadhna. Bha ball-pàrlamaid Albannach na sgire, Cèit Fhoirbeis, am measg na bhruidhinn an dèidh làimhe.

Tha i a' cur fàilte air an naidheachd gum bi airgead air a thoirt seachad airson ospadail ùir: "Seo toradh na h-iomairt a rinn a' choimhearsnachd agus prìomh bhuidhnean airson bliadhnaichean mòra.

"Tha muinntir Loch Abair air a bhith a' feitheamh airson 25 bliadhna airson ospadal ùr fhaighinn on chaidh a ghealltainn an toiseach sna 90an," thuirt i.

Caismeachd ag iarraidh ospadail ùir sa Ghearasdan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha luchd-iomairt na sgìre air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean airson ospadail ùir

Bha Ceit Fhoirbeis sa Ghearasdan còmhla ri Rùnaire na Slàinte, Neil Gray, san Dàmhair agus ghabh e ris nach robh staid an ospadail math gu leòr.

Thuirt Ms Fhoirbeis Diciadain: "Tha mi air mo dhòigh gun tèid na planaichean a thoirt air adhart le maoineachadh bhon Riaghaltas Albannach.

"Cha bheag an taic a th' ann dhan phròiseact sa sgìre, agus tha e a-nis an urra ri NHS na Gàidhealtachd gluasad air adhart le plana agus obair dealbhachaidh.

"Bu mhath leam taing a thoirt do chòignear a bha gu mòr an sàs san iomairt - an Dtr Dàibhidh Sedgwick, an Dtr Mìcheal Foxley, Iain Hutchison, Patricia Jordan agus Iain Gilleasbaig.

"Tha mi air coinneachadh riutha barrachd thursan na 's cuimhne leam, sa Ghearasdan agus ann an Holyrood, agus tha iad airidh air moladh agus làn dùil a-nis gum bi ospadal ùr a' Bhelford ann."