Thàinig fàs air obair craobhan dùthchasach a chur sna h-Eileanan Siar

Laura NicEòghainnTùs an deilbh, MURCHADH MACLEÒID
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Laura NicEòghainn an urra ris an sgeama coille ann an Leòdhas agus na Hearadh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh còrr is 211,000 de chraobhan dùthchasach a chur air feadh nan Eilean Siar on thòisich sgeama coille croitearachd san sgìre ann an 2016.

Tha an com-pàirteachas eadar Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Urras nan Coilltean a' toirt comhairle is taic-airgid do chroitearan a thaobh a bhith a' cur chraobhan.

Tha Laura NicEòghainn an urra ris an sgeama ann an Leòdhas agus na Hearadh: "'S e as motha a tha a' còrdadh rium mun obair a bhith a' tadhal air croitean agus a' sgrùdadh an àite còmhla ris a' chroitear."

"Tha mi a’ cleachdadh GPS airson na h-àitichean as freagarraiche airson coille a chruthachadh a chomharrachadh, a rèir doimhneachd na mònadh agus sgrùdadh den ùir."

Tùs an deilbh, MHÀIRI LAW/ISLAND DARKROOM
Fo-thiotal an deilbh,

Gheibh croitearan taic fon sgeama ma tha iad airson craobhan a chur

Tha Laura i fhèin na croitear ann an Siabost air taobh siar Leòdhais agus, mus d' fhuair i an dreuchd seo, bha i os cionn Àirc Chraobhan nan Eilean Siar.

'S e pròiseact a tha sin a tha a' dèanamh mapa de sheann choilltean san sgìre agus a' cruinneachadh sìol bho na craobhan dùthchasach a th' air fhàgail.

Thuirt Laura: “Tha e air a bhith mìorbhaileach lorg fhaighinn air pocaidean bìodach de chraobhan a th' air a bhith ann bhon chòmhdachadh-coille tùsail bho ’s dòcha mìltean de bhliadhnaichean air ais.

"Gu h-àraidh le craobhan-crithinn, nach eil a’ dèanamh sìol an seo. Tha na craobhan seo ag ath-ghineadh bho fhreumhan a tha nan dearbh-chlòn bhon chraobh-pàrant a shìolaich air an eilean às dèidh an linn-deighe mu dheireadh.

"Tha e iongantach a bhith a’ smaoineachadh mu dheidhinn!”

Tùs an deilbh, MHÀIRI LAW/ISLAND DARKROOM
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na h-Eileanan an Iar aithnichte airson a bhith na fhàsach ach bha àm ann nuair a bha craobhan gu leòr ann

Ged a tha na h-Eileanan an Iar aithnichte airson a bhith gun chraobhan, tha Pròiseact Croitean Coillteach a-nis a' dèanamh deiseil airson na 9mh ràithe planntachaidh aca agus a’ dèanamh atharrachadh air a’ bheachd sin.

Bheir Laura agus a co-obraiche ann an Uibhist is Barraigh, Viv Halcrow, cuideachadh do chroitearan le iarrtasan agus tabhartasan.

Thuirt Laura: “Tha ùidh nas motha aig daoine sa phròiseact na bha dùil againn.

"Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil croitearan an-còmhnaidh air a bhith ag obair mar seo, ann an co-chòrdadh le nàdar, agus tha barrachd eòlais aca mu thràth na ’s urrainn dhòmhsa innse dhaibh mu dheidhinn nam buannachdan an cois a bhith a' cur chraobhan - a thaobh criosan-fasgaidh a stèidheachadh, leasachadh-talmhainn agus fallaineachd bheathaichean."

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun obair air an làraich-lìn seo, taobh a-muigh.