Na Trads air an toirt seachad an Inbhir Nis

Niteworks
Fo-thiotal an deilbh,

Thog Niteworks duais Còmhlan Beò na Bliadhna, a thuilleadh air duais Seirbheisean don Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh

Chaidh duaisean MG ALBA Ceòl Traidiseanta na h-Alba - Na Trads - a thoirt seachad aig cuirm ann an Inbhir Nis oidhche Shathairne.

B' e seo an 22na bliadhna a chaidh na duaisean a thoirt seachad, agus a' chiad turas a chaidh a' chuirm a chumail ann an Inbhir Nis ann an deich bliadhna.

Bha còrr air 1,000 ceòladair agus daoine eile bhon ghnìomhachas, a thuilleadh air na ceudan de luchd-taice a' chiùil thraidiseanta an làthair aig Ionad Spòrs Inbhir Nis, leis a' chuirm ga chraoladh beò air BBC ALBA.

Chaidh 116 duine a chur air adhart airson duaisean, le dìreach 26 gan toirt seachad 's iad air an taghadh le 25,000 ball den phoball agus panal de bhritheamhan.

Am measg na fhuair duaisean bha an còmhlan ciùil Sgitheanach Niteworks, a thog duais Còmhlan Beò na Bliadhna, agus duais Seirbeisean don Ghàidhlig.

Tha an còmhlan air an gig mu dheireadh aca a chluich o chionn ghoirid 's iad a' dol ma sgaoil an dèidh 17 bliadhna.

Fhuair Niteworks cuideachd duais Còmhlan Beò na Bliadhna.

Fhuair Emma NicLeòid à Scalpaigh duais Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna.

Agus fhuair prògram Crunluath aig BBC Radio nan Gàidheal duais Ceòl Traidiseanta sna Meadhanan.

Bha duais ùr ann am-bliadhna - Gaisgich na Gàidhlig - a chaidh a bhuileachadh air Cultarlann Inbhir Nis.