An Glen Sannox gu bhith a-mach à seirbheis fad seachdain

MV Glen SannoxTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh CalMac an clàr-ama 'son obair riatanach air an MV Glen Sannox is i gu bhith a-mach à seirbheis fad seachdain aig deireadh na mìos.

Thòisich an t-aiseag connspaideach air an t-slighe eadar Eilean Arainn is tìr-mòr air a' mhìos seo chaidh is i bliadhnaichean air dheireadh is fada seachad air a' bhuidseat a chaidh aontachadh bho thùs.

Cosgaidh i fhèin is am bàta eile a thathas a' togail fhathast aig Gàrradh MhicFhearghais, an MV Glen Rosa, còrr is £400m air a' cheann thall, seach £97m mar a bha dùil.

Chualas rabhadh an t-seachdain seo gu bheil cunnart ann gum bi an tuilleadh dàil air an Glen Rosa.

Tha CalMac a-nise air dearbhadh gun tèid an Glen Sannox a thoirt a-mach à seirbheis fad seachdain bhon 23mh den mhìos.

Tha seo airson obair riatanach ris an robh dùil air siostam a h-acair.

Thuirt CalMac an-uiridh nuair a bha deuchainnean-mara a' dol air adhart gum biodh feum air an obair seo.

Tha iad ag ràdh gun tèid obraichean beaga eile a dhèanamh fhad 's a tha an Glen Sannox san doc.

Rinn a' chompanaidh moladh mòr air mar a tha a' dol dhan Ghlen Sannox bho thòisich i 's iad ag ràdh gu bheil iad air an dòigh le cho seasmhach 's tha i air a bhith.