An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha

An Glen Sannox air deuchainnean mara ann an 2024.Tùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

"Tha togail shoithichean coimeirsealta a' tilleadh gu Cluaidh - naidheachd shònraichte".

'S ann mar sin aig co-labhairt an SNP san Dàmhair 2015 a dh'fhoillsich Ministear Còmhdhail Riaghaltas na h-Alba aig an àm, Derek MacAoidh, gun robh Gàrradh MhicFheargais air cùmhnant £97m fhaighinn airson dà aiseag ùr a thogail.

Is bha a h-uile coltas ann gur e deagh naidheachd dha-rìribh a bh' ann.

Dà bhàta ùr air an robh feum - is air an togail le siostam connaidh a rèir choltais nas uaine, a leigeadh leotha ruith air gas LNG a thuilleadh air connadh traidiseanta.

'S e beachd a' Phrìomh Mhinisteir a bh' ann, Nicola Sturgeon, gun robh seo "a' cur a-rithist le cliù na h-Alba sa ghluasad mhòr gu carbon ìosal".

Agus dìon air 150 obair air Chluaidh aig Gàrradh MhicFheargais, a bha air a dhol fodha ann an 2014 is a chaidh a shàbhaladh leis an fhear-ghnothaich Jim MacColla.

Bàtaichean ùra, adhartach, uaine, air an togail ann an cridhe traidiseanta a' ghnìomhachais ann an Alba.

'S e cùmhnant a bh' ann a bha samhlachail ann an iomadh dòigh.

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Derek MacAoidh is an Glen Sannox. Bho thùs bha dùil gum biodh i fhèin is an dàrna bhàta - air a bheil a-nise an Glen Rosa - deiseil ann an 2018

Ach gun fhiosda dhan phoball bha ceistean ann mar-thà.

Thigeadh e am bàrr gun deach Riaghaltas na h-Alba air adhart ged a bha fios aca gun robh fhathast draghan, taobh a-muigh air bòrd CMAL mu "chunnartan" a bha an cois a' chùmhnaint le Gàrradh MhicFheargais, is gu seachd àraid gun na riaghailtean àbhaisteach a thaobh tèarainteachd ionmhais a bhith an sàs.

Chan ann dad nas fheàrr a rachadh an càirdeas eadar CMAL is an Gàrradh.

Fiù 's aig an ìre thràth seo bha ceist ann mu dhealbhadh nam bàtaichean, is fhuair aithisg neo-eisimileach a dh'iarr CalMac an 2016 nach robh "buannachd ro mhòr a' tighinn à LNG a chleachdadh" a thaobh na h-àrainneachd.

Ach chaidh a' chiad aiseag, air an robh a-nise an Glen Sannox, a chur air bhog san t-Samhain 2017, ged a bha feadhainn 's dòcha car amharasach mu bheachd Jim MacColla gur e "pròiseact sònraichte a tha seo, ach pròisect air leth toinnte cuideachd".

Mhothaich cuid eile gun robh na h-uinneagan air am peanntadh air a' bhàta.

Tùs an deilbh, Mark F Gibson
Fo-thiotal an deilbh,

An Glen Sannox ga cur air bhog san t-Samhain 2017 is na h-uinneagan fuadan aice

Air cùl ghnothaichean bha na trioblaidean a' dol gu math nas doimhne na uinneagan.

Bha Còmhdhail Alba mar-thà air innse dhan Riaghaltas sa Ghearran 2017 gun robh a h-uile coltas ann gum biodh an Glen Sannox agus an dàrna bàta - air an robhar a' gabhail Slige 802 is a bhiodh a' seòladh eadar Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeart - air dheireadh.

Tro shamhradh 2017 bha Gàrradh MhicFheargais cuideachd air £17.5m a bharrachd iarraidh bho CMAL is iad ag ràdh gun robh cosgaisean ag èirigh.

Leanadh eas-aonta cha mhòr dà bhliadhna.

Air a' cheann thall, dhiùlt CMAL pàigheadh is cho-dhùin Gàrradh MhicFheargais gun an gnothach a thoirt dhan chùirt.

As t-samhradh 2019, às dèidh do dh'aithisg neo-eisimeileach innse nach robh adhbhair laghail ann do CMAL barrachd a phàigheadh na an £97m a chaidh aontachadh bho thùs, chaidh Gàrradh MhicFheargais ann an rianachd.

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Iomhaigh taobh a-muigh Ghàrradh MhicFheargais agus an Glen Sannox fhèin sa Ghàrradh

Bha Riaghaltas na h-Alba is CMAL gu seo air £128m a thoirt do Ghàrradh MhicFheargais ann an airgead a' chùmhnaint is iasadan - is cha robh na bàtaichean faisg air a bhith deiseil.

Ro dheireadh na bliadhna bha an Riaghaltas air a' Ghàrradh a chur dhan roinn phoblaich, aig an dearbh àm 's a bha Jim MacColla ag ràdh gum bu chòir cur às dha na bàtaichean agus tòiseachadh às ùr.

A rèir Mhaighstir MhicColla, bha CMAL air atharrachaidhean anns na planaichean iarraidh tric is minig.

Chuir CMAL fhèin a' choire air droch stiùireadh aig a' ghàrradh. Bha obair air tòiseachadh gun obair-dealbhachaidh a bhith deiseil, thuirt iad.

Bho seo a-mach rachadh dàil às dèidh dàil air na h-aiseagan.

Cho fada air ais ri samhradh 2018 bha cathraiche còmhdhail CnES, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gur e "briseadh-dùil" a bh' ann nach biodh na bàtaichean deiseil gu 2019 is 2020.

"'S e an aon rud math mu dheidhinn gu bheil a-nise ceann-là stèidhichte againn nuair a bhios aiseag ùr ann. Tha mi an dòchas gun tèid a choileanadh", thuirt Mgr Robasdan.

Cha deach is aig deireadh 2019 bha Ùisdean bochd a-rithist a' sireadh clàr-ama ùr.

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Jim MacColla is Nicola Sturgeon aig cur air bhog an Glen Sannox ann an 2017. Bha Mgr MacColla air taic a chur ri neo-eisimeileachd ann an 2014 ach rachadh an càirdeas eadar e fhèin is an Riaghaltas bhuaithe gu tur ri linn bùrach nan aiseagan

Air ais is air ais gun deach na cinn-là, is suas is suas gun deach na cosgaisean.

Thàinig an uairsin Covid le glasaidhean ann an 2020 is 2021 a' fàgail Gàrradh MhicFheargais na tàmh is a' cur ris a' phrìs air pròiseact a bha ann an staing co-dhiù.

Bha cosgais nam bàtaichean a-nise air còrr is dùblachadh bhon £97m a bh' ann bho thùs.

Ann an 2021 dh'fhàg ceannard nan Làbarach an Alba, Anas Sarwar, air an Riaghaltas gur e "sgainneal nàiseanta" a bh' anns an dòigh 's a bha iad a' dèiligeadh ri aiseagan.

Chluinneadh mu sgainneal nan aiseagan nas trice is nas trice is am bùrach aig Gàrradh MhicFheargais na phàirt de dhuilgheadasan aig CalMac a bha a' sìor sgaoileadh is cruaidh fheum aca air bàtaichean ùra.

Sa Mhàirt 2022 thàinig aithisg, taobh a-muigh à Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba a rinn dùbh-chàineadh air mar a chaidh am pròiseact a làimhseachadh bho thùs.

Fhuair an aithisg gun robh e air fàiligeadh aig grunn ìrean - le dìth shoillearachd air mar a chaidh co-dhùnaidhean a dhèanamh, dìth cheannais, is dìth tuigse mu na fhuaireadh às an airgead a chaidh a chosg.

Bhathas a' tomhas a-nise gun cosgadh na bàtaichean co-dhiù £240m is cha robh clàr-ama ùr ann.

Às an aithisg cuideachd thàinig rannsachadh am Pàrlamaid na h-Alba.

Nochd ceistean aig an rannsachadh sin à prògram Disclosure bhon BhBC a thog ceist gur dòcha gun robh am pròiseas airson an cùmhnant a thoirt do Ghàrradh MhicFhearghais taobhach.

Chaidh CMAL às àicheadh sin, mar a chaidh Nicola Sturgeon fhèin nuair a nochd i air beulaibh Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich.

Ged a rinn i follaiseach gur e Derek MacAoidh a bha ann an obair na còmhdhail nuair a chaidh an cùmhnant a thoirt seachad, thuirt i gur ann oirre-sa air a' cheann thall a bha uallach airson cho-dhùnaidhean an Riaghaltais.

Bha an dàil mhòr air na h-aiseagan a-nise a' cur gu mòr ris an uallach air cabhlach ChalMac. Mar dhòigh air faochadh a thoirt air cùisean ghabh iad an MV Alfred air màl bho Pentland Ferries.

Bha iad ron sin air bàta nas lugha - air am biodh an MV Loch Frisa air a' cheann thall - a cheannach à Nirribhidh.

Fo-thiotal an deilbh,

Uibhistich a' togail fianais mu sheirbheisean aiseig as t-samhradh 2023. Dh'fhàg an troimh-chèile le aiseagan gun robh mì-thoileachas ann an coimhearsnachdan air feadh lìonra ChalMac

Ged a rinn na plèastaran seo feum, cha deach iad fada gu leòr gus cobhair a dhèanamh air lìonra a bha a-nise ann an cunnart a dhol fodha.

Tha fios aig a h-uile eileanach mun bhuaidh a tha air a bhith ann aig ìre na coimhearsnachd le troimh-chèile is call eaconomach na lùib.

Troimh-chèile is call eaconomach a tha a' leantainn.

Bha faochadh, gu ìre, dha na h-Eileanan an Iar san Dàmhair 2022 nuair a dh'innis CMAL gun rachadh dà bhàta ùr a thogail.

Bhiodh tè dhiubh a' seòladh eadar Ùig is Loch nam Madadh is an tè eile bho Ùig gu ruige an Tairbeart, a' ciallachadh nach biodh Slighe 802 a-nise ga cur gu feum anns na h-Eileanan an Iar idir.

Sin a dh'aoindeoin is gun robh obair mhòr air a dèanamh roimhe a' leasachadh nan cidhichean anns na h-Eileanan mu coinneimh.

Bidh Slige 802 - air a bheil a-nise an MV Glen Rosa - air slighe Arainn leis an Glen Sannox.

Ach chaidh fàilte a chur air naidheachd nan aiseagan ùra dha na h-Eileanan, a bhiodh stèidhichte air soithichean do dh'Ìle a bhathas a' togail mar-thà ann an Gàrradh Cemre san Tuirc.

Cha robh guth air Cluaidh no gas LNG.

Cha robh mòran cho toilichte ri Ùisdean Robasdan, a bha air bruidhinn gu poblach cho tric mun dàil air aisgeagan Ghàrradh MhicFheargais, is a bha an làthair san Tuirc 'son toiseach na h-obrach air na h-aiseagan ùra fhaicinn.

'S e a bha air a dhòigh.

Fo-thiotal an deilbh,

Ùisdean Robasdan san Tuirc is obair gus tòiseachadh air aiseagan ùra dha na h-Eileanan an Iar, is Slige 802 mar a bhathar a' gabhail oirre a-nise gu bhith air slighe Arainn

Bha Mgr Robasdan am measg feadhainn nach robh cho cinnteach mun naidheachd gun robh Riaghaltas na h-Alba a-nise a' beachdachadh air cùmhnant ùr nan aiseagan air a' Chosta an Iar a thoirt seachad dìreach do Chal Mac gun phròiseas tairgse.

“Dh’fheumte atharrachadh mòr a dhèanamh a thaobh manaidsearan agus an luchd-stiùiridh a tha aig CalMac nam biodh misneachd agamsa mun chùis", thuirt e san t-Samhain 2023, is e a-rithist a' togail cheistean mu shiostam nan aiseagan eadar CalMac, CMAL is Còmhdhail Alba.

Bha coltas ann gun robh gluasad air a bhith ann bhon iomairt mhòir a bh' ann roimhe - Keep CalMac and Carry On - is buaidh staing Ghàrradh MhicFheargais gu ìre a bu choireach.

Air ais aig a' Ghàrradh fhèin, bha an dàil a' leantainn is na cosgaisean ag èirigh.

Bha Dàibhidh Tydeman air a dhol na àrd-oifigear ùr air a' Ghàrradh ann an 2022.

Ged a bha cosgaisean a-nise air èirigh gu faisg air £300m, dh'innis Mgr Tydeman gun robh e misneachail gum b'urrainn do Ghàrradh MhicFheargais cùmhnantan eile a ghlèidheadh, is gun robh e den bheachd "gun soirbhich leis an Glen Sannox is gun cuir i iongnadh air daoine".

Chanadh e ann am Pàrlamaid na h-Alba sa Ghearran am-bliadhna gum faod "sinn uile a bhith moiteil às" an Glen Sannox.

Chaidh Mgr Tydeman a chur às a dhreuchd beagan sheachdainnean às dèidh sin is cosgais nam bàtaichean a' teannadh air £400m is dàil eile air an Glen Sannox.

Fo-thiotal an deilbh,

Bha coltas ann gun robh am pròiseact a' dèanamh adhartais fo stiùir Dhàibhidh Tydeman, ach chaidh a chur às a dhreuchd sa Mhàrt 2024 nuair a thàinig dàil eile am bàrr.

Ga leantainn a-mach air an doras bha àrd-stiùiriche ChalMac, Robbie Druiminneach, is connspaid ann mun dòigh 's an robh a' chompanaidh a' làimhseachadh staing nan aiseagan san fharsaingeachd.

Bha tuigse ann glè thric gun robh CalMac air am fàgail ann an suidheachadh air leth dùbhlanach le dìth bhàtaichean - ach fearg cuideachd le co-dhùnaidhean a rinn iad nuair a bha iad a' feuchainn ri dèiligeadh ris an staing a bh' ann.

Bha cuid den bheachd cuideachd gun do chaill an dithis an dreuchdan air sgàth an teas a bha a' sìor dhol air an Riaghaltas a thaobh aiseagan.

Oir a' leantainn cuideachd tro shamhradh 2024 bha troimh-chèile air lìonra ChalMac.

Thòisich an Glen Sannox air na deuchainnean mara mu dheireadh aice san t-Sultain am-bliadhna is i a' ruith air LNG 'son a' chiad uair.

Mun aon àm, bha àrd-oifigear CMAL, Caoimhinn Hobbs ag innse do chomhairlichean nan Eilean Siar anns na Hearadh nach eil dad a dhùil aca bàtaichean eile LNG a thogail.

"Tha LNG air a bhith soirbheachail ann an àitichean ach tha an gnìomhachas san fharsaingeachd a' gluasad air falbh às a sin", thuirt Mgr Hobbs.

Tùs an deilbh, FMPG
Fo-thiotal an deilbh,

Connadh LNG ga chur air an Glen Sannox san t-Sultain 2024

Chuir an Glen Sannox crìoch air na deuchainnean, ach às dèidh do thrioblaidean teicnigeach air bòrd buaidh a thoirt orra.

Is leis an là nuair an rachadh am bàta a thoirt seachad do ChalMac a' teannadh dlùth, bha an tuilleadh dhroch naidheachd ann dhan chompanaidh is iad ag aideachadh gur dòcha nach till an MV Caledonian Isles gu seirbheis gu deireadh a' Mhàirt 2025.

Tha an Caledonian Isles 31 bliadhna a dh'aois is i a' ruith air slighe Arainn, far an robh còir an Glen Sannox is an Glen Rosa a bhith a' seòladh fada ron seo.

Naoi bliadhna bho dhearbh Derek MacAoidh an cùmhnant is an Glen Sannox mu dheireadh thall ann an làmhan ChalMac, chan faighear mòran an-diugh a chanas gu bheil dad "sònraichte" mun chùis.

Tha an cùmhnant dha-rìribh samhlachail - ach chan ann idir mar a bha Riaghaltas na h-Alba a' sùileachadh bho thùs.

'S e faochadh a th' ann a-nise seach toileachas no moit gu bheil a' chiad bhàta gus a bhith ann an seirbheis.

A thuilleadh air fearg bho chuid gun tug e cho fada is aig cosgais cho mòr.

Agus dòchas nach gabh tomhas gum bi an Glen Sannox - is an Glen Rosa nuair a thig i - earbsach is seasmhach bho seo a-mach.

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Cur air bhog an Glen Rosa sa Ghiblean 2024. Bha dùil bho thùs gum biodh a' frithealadh air na h-Eileanan an Iar ach bidh i a-nise air slighe Arainn nuair a thig a-steach gu seirbheis, is dùil aig an ìre seo gun tèid a toirt seachad san t-Sultain 2025