Rabhadh mu dhàil eile air an MV Glen Rosa

MV Glen Rosa ga togailTùs an deilbh, RIVER CLYDE PHOTOGRAPHY
  • Air fhoillseachadh

Tha ceannard Ghàrradh MhicFhearghais air Chluaidh air rabhadh a thoirt gu bheil cunnart ann gum bi an tuilleadh dàil air toirt seachad a' bhàt-aiseig ùir, an MV Glen Rosa.

Ach cha chanadh John Petticrew dè cho fada 's a dh'fhaodadh an dàil sin a bhith.

Bha e a' toirt seachad fianais do Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an soitheach mar thà seachd bliadhna air dheireadh, agus tha dùil aig an ìre seo gun tèid a toirt seachad do ChalMac san t-Sultain.

Thòisich am bàt-aiseig eile a tha an gàrradh air a bhith a' togail, an MV Glen Sannox, ann an seirbheis air a' mhìos a chaidh.

Thuirt Mgr Petticrew gun robh e a' feuchainn ri dèiligeadh ris an dàil, agus gum bu chòir gun tèid clàr-ama deimhinnte fhoillseachadh ro dheireadh a' Ghearrain.