Eileanaich a' cur fàilte air an Glen Sannox ach teagamhan ann fhathast

Glen Sannox
  • Air fhoillseachadh

Do mhuinntir Arainn, 's e bliadhna air leth dùbhlanach a th' air a bhith ann.

Tha staing nan aiseagan air bualadh air coimhearsnachd is eaconamaidh an àite, mar a tha ann an grunn sgìrean eileanach eile air feadh a' chost an iar.

Leis an MV Glen Sannox air tòiseachadh ann an seirbheis - bliadhnaichean air dheireadh - bidh na h-ùghdarrasan agus gu seachd àraid eileanaich an dòchas gu bheil piseach air fàire.

Ach tha amharas sa choimhearsneachd seo gum bi feum air barrachd na aon aiseag ùr gus cùisean a chur ceart.

"Cha mhòr a h-uile seachdain sa bhliadhna a dh'fhalbh tha naidheachd ùr air nochdadh: trioblaidean teicnigeach, aimsir, ge brith dè bh' ann," thuirt Alistair Paul à Brodhaig.

"Aiseagan air an cur dheth, aiseagan a' nochdadh 's a' falbh a-rithist airson obair-càraidh".

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Alistair Paul a' fuireach ann am Brodhaig

'S ann mar sin a tha cùisean air leantainn bho chaidh am prìomh aiseag a bha a' frithealadh Arainn, an MV Caledonian Isles, a chur dhan doc 'son obair-càraidh san Fhaoilleach an-uiridh.

'S e seirbheis bhliadhnail a thug a-mach à seirbheis i an toiseach. Ach fhuaireadh trioblaid às dèidh trioblaid is chan eil dùil a-niste gun till i ro dheireadh a' Mhàirt.

Dh'fhàg seo gur iad an MV Isle of Arran agus an MV Alfred a bha a' frithealadh an eilein.

Earbsach 's tha i, 's i an Isle of Arran an t-aiseag as sine th' aig CalMac aig 41 bliadhna dh'aois.

Chaidh an catamaran an Alfred a thoirt air màl bhon chompanaidh Pentland Ferries 'son còrr is £10m - agus tha trioblaidean teicnigeach gu leor air a bhith aice fhèin cuideachd.

Tha seo, còmhla ri suidheachadh toinnte a' chidhe ann an Àird Rosain - nach gabh a chleachdadh - air tighinn còmhla "mar aona stuagh," a rèir Buidheann Ghnìomha Aiseagan Arainn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An Glen Sannox a' tadhal air na h-Eileanan an Iar nas tràithe air a' mhìos is i an-diugh a' tòiseachadh air slighe Arainn

Tha gnothachasan, luchd-turais agus luchd-còmhnaidh sàraichte.

"Tha sinn uile an eisimeil, gu tur, a' bhàta airson gach pàirt de ar beatha," thuirt Alistair Paul.

Tha an sgriobhaiche is gàirnealair air a bhith a' fuireach ann an Arainn fad 30 bliadhna, agus air gach car is tionndadh ann an sgeulachd nan aiseagan fhaicinn.

San ùine a dh'fhalbh, thuirt e, tha e air a bhith teagmhach planaichean sam bith a dhèanamh gus siubhal gu tìr-mòr idir - leis cho mì-chinnteach 's a tha e mun t-seirbheis aig amannan.

"Bheir e buaidh air cuid nas motha na air cuid eile", tha e ag ràdh.

"Daoine a tha tinn, seann daoine, a dh'fheumas falbh gu coinneamhan aig an ospadal, agus a dh'fheumas an cur dheth neo a dhol ann là ro-làimh agus àite-fuirich a chur air dòigh".

Fo-thiotal an deilbh,

Mike Dobson

Faisg air a' chidhe ann am Brodhaig, tha bùth Buidheann Taic Aillse Arainn.

Am measg na tha iad a' dèanamh, bidh iad a' ruith seirbheis tacsi do dh'eileanaich a tha a' fulang le aillse, gan coinneachadh far an aiseig is gan toirt dhan ospadal air tìr-mòr.

Rudeigin eile tha iad air a bhith a' dèanamh tric gu leòr, 's e àitean-fuirich a lorg dhaibhsan nach fhaigh dhachaigh.

"Tha na h-uimhir de sheirbheisean gan cur dheth is tric gun mòran rabhaidh", thuirt cathraiche a' chathrannais, Mike Dobson.

"Tha e a' toirt buaidh air slàinte-inntinn dhaoine, a bharrachd air gach rud eile."

Tha earbsa a' sìoladh às cuideachd, thuirt e, eadar a' choimhearsnachd agus na h-ùghdarrasan - CalMac agus Riaghaltas na h-Alba - airson mar a chaidh suidheachadh nan aiseagan a làimhseachadh.

Bha Mgr Dobson car faiceallach mun buaidh a dh'fhaodadh an t-aiseag ùr a thoirt air seirbheisean.

"Tha dòchas againn," thuirt e, "ach dòchas - chan e duil."

Tha dragh air gu leòr eile mu cho earbsach 's a bhios an Glen Sannox mar thoradh air gach connspaid a bha ga cuairteachadh gu ruige seo.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Alastair Paul "beò ann an dòchas" gu bheil piseach gus tighinn air seirbheisean a-nise

Is tha trioblaidean eile ann a dh'fhaodadh am bàta a chuir fo sgleò.

Tha an soitheach ùr ro mhòr do chidhe Àird Rosain. Tha is cuideachd an Alfred.

Fàgaidh sin gum bi seirbheisean bho Bhrodhaig dhan Truthail a-mhàin, gu co-dhiù deireadh a' Mhàirt.

Aig ceann eile Arainn, chan eil ann ach aiseag beag Chlaonaig a Chinn Tìre, còrr is dà uair a thìde gu leth a Ghlaschu, tarsainn an Rest and Be Thankful.

Tha draghan gan togail mu cho goireasach 's a tha An Truthail, gu h-àraid is stèisean rèile a' bhaile mu leth-uair a thìde air cois bhon chala, ga dhèanamh doirbh do luchd-siubhail às aonais càir.

Call a bhios seo cuideachd do dh'Àird Rosain gun luchd-siubhail a' tighinn troimhe fad trì mìosan.

Nochd athchuinge ann am bùithtean Bhrodhaig o chionn ghoirid ag iarraidh air an riaghaltas rudeigin a dhèanamh gus suidheachadh chidhe Àird Rosain a chur ceart. Tha cuid a' bruidhinn air iomairt taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba.

'S ann anns an t-suidheachadh chaochlaideach seo a tha an Glen Sannox mu dheireadh thall a' tighinn a-steach gu seirbheis.